Cùisean "riaslach" aig Bòrd na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Art MacCarmaigTùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Art MacCarmaig na Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig fad trì bliadhna

Dh'aidich Ceannard Bòrd na Gàidhlig gu bheil cùisean caran riaslach aca an-dràsta, an dèidh don Chathraiche aca seasamh sìos Diciadain.

Tha iad cuideachd a' sireadh ceathrar bhall ùr, agus dùil gun tèid an ainmeachadh a dh'aithghearr.

Thuirt Iain Aonghas MacAoidh gu bheil Art MacCarmaig, a bha na Chathraiche fad trì bliadhna, air dìleab làidir fhàgail na dhèidh.

"Bha fios o chionn mhìosan gun robh sinn ann an suidheachadh far an robh Cathraiche againn a bh' air a bhith na Chathraiche airson bhliadhnaichean ann an suidheachadh duilich, ag obair na obair fhèin tron là cuideachd," thuirt Mgr MacAoidh.

Coileanadh

"Bha fios nach robh sin a' dol a sheasamh gu bràth. Agus le sin, cha tàinig e mar chlach às an adhair.

"Ach a dh'aindeoin sin feumaidh mi a ràdh gu bheil e duilich gu robh Art ann an suidheachadh far an robh e a' faireachdainn gun robh e cho math dha a dhreuchd a leigeil dheth an-dràsta.

"Tha fios aige gu bheil e air sgioba a chruthachadh taobh a-staigh a' Bhùird.

"Tha Plana Nàiseanta ùr againn ann an dreach 's air a dhol chun a' Mhinisteir.

"Tha e mar gum biodh air coileanadh a h-uile càil a chuir e roimhe a dhèanadh e nuair a thòisich e san dreuchd.

"Tha sinn an dòchas gum bi am Plana Nàiseanta ùr air fhoillseachadh ann an ùine nach bi ro fhada.

"Ach tha cuideachd a' cheist ann, a bheil e a' tighinn ro fhaisg air an àm far am bi taghaidhean ionadail a' tòiseachdainn aig Comhairlean, agus dè an ìre aig am biodh buaidh aige sin air dè bhios an Riaghaltas airson a chur a-mach dhan roinn phoblaich.

"A thaobh nam ball ùr a tha sinn a' sireadh, tha mi a' smaointinn gu bheil sin glè fhaisg.

"Chaidh an rud fhoillseachadh bho chionn mhìosan air ais. Tha daoine air cur a-steach airson na h-obrach, 's tha agallamhan air a bhith ann.

"Agus a-rithist tha a' chùis a' dol tro na ceumannan iomchaidh leis a' Mhinistear agus tha sinn an dòchas gum bi sin air fhoillseachadh anns a' bheagan sheachdainnean a tha romhainn," thuirt e.