Croitearan a' cruinneachadh ann an Srath Pheofhair

  • Air fhoillseachadh
Croitearachd ann an SealtainnTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh croitearan Shealtainn a' fàs rudan a tha cleachdte ri aimsir na sgìre

Tha tuathanaich agus croitearan bho air feadh na Roinn Eòrpa a' cruinneachadh ann an Srath Pheofhair thar an deireadh sheachdain.

'S e "Celebrating Crofters' Seeds and Breeds" ainm na co-labhairt, a tha a' gabhail a-steach cruinneachadh bhliadhnail Caidreachas Croitearachd na h-Alba.

'S e an t-amas aca coimhead ris na gabhas dèanamh gus sreathan sìl agus stuic dùthchasach a chumail a' dol.

Tha sreathan de dhiofar lusan gan cumail a' dol le croitearan ann an cuid de sgìrean nach eil rim faighinn gu coimearsalta.

Bidh luchd-tuaithe bho air feadh na Roinn Eòrpa an làthair aig a' cho-labhairt, agus iad a' cur an cèill nan duilgheadasan a tha iad a' faighinn sreathan sìl is stuic, agus cleachdaidhean traidiseanta a chumail a' dol.

Sealtainn

Ann an Alba 's iad leithid Càl Sealtainneach, Coirce Beag, Seagail agus Eòrna Cumanta, agus chan eil ach glè bheag de dhaoine gan cumail a' dol.

Leis gum fàs iad gu math aig tuath, agus gu bheil iad cleachdte ris an aimsir anns na sgìrean far a bheil iad air a bhith gan cur o chionn linntean, tha an Caidreachas a' togail air cho cudromach 's a tha e an cumail a' dol.

Fàsaidh iad nas fheàrr ann an sgìrean croitearachd na dh'fhàsadh sreathan coimearsalta.

Ach leis nach eil iad air liosta Eòrpach de shìol a tha e ceadaichte a reic, tha cunnart ann gun tèid iad à bith.

A' bruidhinn aig a' cho-labhairt bidh Mary Isbister à Sealtainn, a dh'innseas mu mar a tha ise a' ruith "Croit Dualchais."

"Tha muinntir Shealtainn nas adhartaiche na tha sinne, leithid, tha iadsan a' coimhead ri sìol 's rudan mar sin, agus rudan a tha a' fàs tòrr a bharrachd na tha sinne," thuirt fear a bha roimhe na Cheann-suidhe air a' Chaidreachas, Niall MacLeòid.

"Bho chionn trì bliadhna bha mise san Eadailt, agus thug sinn dhà no trì buntàta leinn.

"Cha chreideadh tu na bha de dhaoine a' tighinn timcheall a shealltainn a' bhuntàta, na dathan eadar-dhealaichte.

"Cha robh iadsan a' coimhead ach buntàta geal fad am beatha.

"Bha iad a' coimhead buntàta dubh, buntàta dearg, 's a h-uile seòrsa dath eile. 'S abair gun robh e tarraingeach, 's bha iad a' faighneachd 'am faigh sinn iad?'

"Uell, sin an càil as duilghe dheth: tha e duilich sìol buntàta, no rud sam bith mar sin fhaighinn.

"Tha an Rìoghachd a' cantainn nach fhaod sinn a bhith ga dhèanamh gun chothrom bhuapasan.

"Sin an seòrsa rud a tha sinn gu bhith a' bruidhinn air. Cionnas is urrainn dhuinn a dhèanamh?

"Cionnas a ghabhas seo leudachadh gum faigh barrachd dhaoine cothrom air an obair seo," thuirt e.

Bidh cuideachd suap sìl ga chumail, far am faigh daoine cothrom grèim fhaighinn air rudan ùra.

Bithear cuideachd a' coimhead ri sreathan buntàta traidiseanta, agus ri obair na cloimhe ann an diofar sgìrean.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh