Crìonadh sluaigh seachad air Taobh Siar na Hearadh
- Air fhoillseachadh

Tha tè de na coimhearsnachdan a fhuair sealbh air an cuid fearainn fhèin o chionn ghoirid ag ràdh gu bheil iad air stad a chur air crìonadh sluaigh na sgìre.
Tha dà bhliadhna ann a-nis bho cheannaich Urras Taobh Siar na Hearadh an talamh eadar Sgarasta Mhòr agus Losgantir.
Aig an àm a bha sin bha an treas cuid de thaighean gan cleachdadh mar thaighean-samhraidh.
Cha robh ach aon duine cloinne san sgìre fo aois na sgoile.
An Eadar-lìon
"Nuair a ghabh an t-Urras thairis am fearann, bha 123 duine ann," thuirt tè de stiùirichean an Urrais, Fiona NicIllinnein.
"A-nise tha 126 ann.
"Tha àireamh an t-sluaigh a' dol sìos is suas.
"Tha sinn air 16 duine fhaighinn a-steach, ach aig an aon àm tha 13 duine air falbh, 's tha sin air sgàth adhbharan eadar-dhealaichte.
"Tha am bàs ann, 's tha daoine dìreach a' falbh.
"Tha sinn a' sùileachadh ro dheireadh na h-ath-bhliadhna, gum bi suas ri 30 neach a' tighinn a-steach.
"Tha teaghlaichean air tighinn a-steach mar thà, agus tha leanaban òg againn," thuirt i.
Tha pròiseactan san amharc aig an Urras airson eaconamaidh na sgìre a thogail, airson bun-stèidh nas seasmhaiche a thoirt do mar a tha an sluagh ag èirigh.
"Tha planaichean a-nise deiseil airson sgeama cumhachd uisge, a nì 100kw de dhealan.
"Tha sinn a' sùileachadh gum bi seo air a thogail am bliadhna, agus gum faigh sinn teachd-a-steach às sin.
"Cuideachd tha sia làraichean-taighe againn air an sònrachadh. Tha trì air an gabhail, agus cuideachd tha obair againn airson neach-leasachaidh air fhastadh airson còig bliadhna.
"Tha planaichean ann cuideachd airson taighean a gheibh daoine air màl, ach tha iad sin aig fìor thoiseach-tòiseachaidh.
"Tha na làraichean air an sònrachadh agus cuideachd tha buidhnean ann a chuidicheas le maoineachadh.
"An-diugh leis an eadar-lìon, tha e nas fhasa obrachadh à àite a bha uaireigin iomallach.
"'S tha an t-Urras am beachd taighean a thogail a bhios air mhàl, agus cuideachd oifisean agus àiteachan obrach a chur air chois.
"Tha measgachadh de dhaoine a' tighinn. Tha cuid de dhaoine tha buntanas aca ris na Hearadh 's tha iad a' tilleadh dhachaigh mar gum biodh.
"Tha daoine eile, tha iad airson beatha eileanach a bhith aig an cuid chloinne.
"Tha daoine againn a tha suas ann an aois, ach feumaidh sinn cuimhneachadh gur iadsan a stèidhich a' choimhearsnachd a th' againn.
"Leis na teaghlaichean òga a tha seo a tha a' tighinn a-steach, tha sinn an dòchas gum bi daoine againn a tha misneachail, a tha eusgaidh, agus aig a bheil beachdan airson cùisean a leasachadh," thuirt i.