Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Banca Ùr

Dh'fhoillsich Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bi banca tasgaidh uaine ùr na dùthcha, an Green Investment Bank, stèidhichte eadar Dùn Èideann agus Lunnainn. Bidh prìomh oifisean a' bhanca ann an Dùn Èideann, ach 's ann an Lunnainn a thèid a' chuid mhòr den obair làitheil a dhèanamh. Tha iomairt mhòr air a bhith a' dol gus am banca a stèidheachadh ann an Alba.

Saighdearan

Dh'ainmich Ministreachd an Dìon sianar shaighdearan a chaidh a mharbhadh ann an Afganastan. Chaochaill iad Dimàirt nuair a bhual boma sa charbaid armaichte aca ann an sgìre Khandahar. Bha ceathrar aca dìreach 20 bliadhna de dh'aois - an Cpl Jake Hartley, am Pte Anthony Frampton, am Pte Christopher Kershaw agus am Pte Daniel Wade. B'e an dithis eile an Sgt Nigel Coupe, a bha 33, agus am Pte Daniel Wilford, a bha 21.

Neo-eisimeileachd

Tha comataidh de Bhuill-Phàrlamaid 's Morairean air ceistean a thogail mu dheidhinn na bhiodh neo-eisimeileachd do dh'Alba a' ciallachadh airson tèarainnteachd ann an aithisg a tha iad a' foillseachadh an-diugh. Tha dragh air a' Chomataidh air Ro-Innleachd Nàiseanta na Tèarainnteachd nach deach coimhead ceart ris na thachradh do dh'armachd niuclasach Bhreatainn, càite am biodh feachdan armaichte suidhichte, 's gnothaichean eile den t-seòrsa sin.

Seirbheis Smàlaidh

Chaidh Seirbheis Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a dhubh-chàineadh le Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba. Ann an aithisg a thàinig a-mach an-diugh, tha iad ag ràdh nach eileas a' faighinn luach an airgid às an t-seirbheis. Thuirt am Bòrd-Smàlaidh gu bheil iad mothachail air na trioblaidean agus gu bheil iad mar thà air tòiseachadh a' dèiligeadh riutha.

Remploy

Tha a' bhuidheann Remploy a bhios a' toirt cosnadh do dhaoine ciorramach 's daoine le trioblaidean slàinte, a' dol a dhùnadh dà thrian de na factaraidhean aca. Bha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air an taic-airgid a bha iad a' toirt dhaibh a ghearradh. Thuirt an t-aonadh Unite, gur e co-dhùnadh borb a bh' ann. Am measg nam factaraidhean a dhùineas, tha feadhainn ann an Obar Dheathain, Dùn Èideann, Glaschu, agus Tobar na Màthar.

Tramaichean

A rèir Bhuill-Phàrlamaid à sgìre Lodainn, tha muinntir Dhùn Èideann agus muinntir na h-Alba seachd searbh sgìth den dìomhaireachd a tha a' cuairteachadh pròiseact nan tramaichean sa phrìomh bhaile. Fhuair am BBC a-mach nach tèid innse gu poblach dè na chaidh a phàigheadh don duine a bha os cionn companaidh nan tramaichean - a dh'aindeoin gealltannais gun deadh am fiosrachadh a thoirt seachad. Ach cha tèid air sgàth aonta laghail eadar Riseard Jeffrey agus Comhairle Baile Dhùn Èideann.

Èirinn a Tuath

Chaidh dithis a leòn le gunnaichean ann an sgìre Bogside an Doire Chaluim Chille ann an Èirinn a Tuath an-raoir. Tha coltas gun robh an dithis am measg buidhne air an deach maoigheadh leis a' bhuidhinn Gnìomhan Poblachdach an Aghaidh Dhrogaichean. Chan eil iad, tha sinn a' tuigs', ann an cunnart am beatha.