Iarrtas UNESCO son na Gàidhlig sna h-Eileanan an Iar

Nis Image copyright Other
Image caption Tha a' Ghàidhlig na cànan coimhearsnachd ann an cuid de sgìrean de na h-Eileanan an Iar

Tha an Comunn Gàidhealach ag iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar inbhe shònraichte iarraidh don sgìre bho UNESCO.

Tha iad a' moladh gun comharraichear na h-Eileanan Siar mar Làrach Dhualchais na Cruinne, air sgàth cànain agus cultair na Gàidhlig.Iarrtas UNESCO son na Gàidhlig

Tha am moladh mar phàirt de dh'aithisg bhliadhnail a' Chomuinn.

"Bha an aithisg ag ràdh gun do chuir am Mòd £2.1m a-steach dhan eaconamaidh fhad 's a bha e sna h-Eileanan Siar," thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn, Iain MacLeòid.

A' Bheatha Phoblach

"Agus gun robh faisg air 8,000 duine an làthair fad seachdain a' Mhòid.

"Bha e a' toirt aithris air na chaidh a chosg tron t-seachdain, 's a bhuaidh a bh' aig a' Mhòd air cleachdadh na Gàidhlig agus air an ùidh a bh' aig daoine ann a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

"Bha a h-uile càil a bha sin uabhasach inntinneach agus dòchasach airson am Mòd a bhith anns na h-Eileanan an Iar.

"'S i dachaigh na Gàidhlig, tha mi den bheachd, a th' anns na h-Eileanan an Iar, agus tha e air leth iomchaidh gum bi am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tighinn ann cho tric 's a tha e comasach dhaibh sin a chur air adhart.

"Tha mi gu làidir den bheachd gum bu chòir togail air a' bhunait choimhearsnachd a th' againn aig an ìre seo, agus cuideachd cho sònraichte 's a tha na h-Eileanan an Iar.

"Tha crìochan mara mun cuairt orra. Tha iad air leth bhon chòrr de dh'Alba.

"Tha a h-uile càil a tha sin a' comharrachadh nan Eileanan an Iar mar àite a tha air leth sònraichte.

"Tha mi ag aithneachadh gu bheil, fhathast, bunait Gàidhlig anns a' choimhearsnachd. Tha mòran de luchd-obrach na Comhairle, agus Bòrd na Slàinte aig a bheil a' Ghàidhlig agus a tha deònach a cleachdadh.

"Chuir mi air adhart am beachd gum bu chòir a' Ghàidhlig a bhith air a comharrachadh mar phrìomh chànan cleachdaidh aig ìre phoblaich.

"Gum biodh luchd-obrach nam buidhnean poblach a' cleachdadh Gàidhlig nuair a bhiodh iad a' bruidhinn 's a' conaltradh ris an t-sluagh.

"Agus gun toireadh sin fhèin buaidh air cleachdadh na Gàidhlig aig ìre choimhearsnachd agus aig ìre dachaigh.

"Tha feum mòr air sin, gum bithear a' brosnachadh barrachd chleachdaidh na Gàidhlig, agus gu sònraichte anns na h-Eileanan an Iar, far a bheil àrainneachd Ghàidhlig.

"Gum biodh seo ri fhaicinn mar dachaigh na Gàidhlig, a bheireadh taic dha obair-leasachaidh ar cànain san àm ri teachd.

"Chan ann a' moladh "Ghetto" no càil den t-seòrsa sin a bha mi idir.

"Tha fhios againn gu bheil a' Ghàidhlig a' buntainn ri Alba air fad, agus gur ann 's dòcha air Tìr Mòr is timcheall nam bailtean mòra a dh'fheumas luchd-labhairt na Gàidhlig a thighinn san àm ri teachd.

"Ach a dh'aindeoin sin tha na h-Eileanan an Iar sònraichte airson àite far a bheil a' Ghàidhlig ga cleachdadh fhathast, agus bu chòir togail air sin," thuirt e.

Tha Mgr MacLeòid ag ràdh gun cuireadh an t-inbhe UNESCO uallach air a' Chomhairle agus air Riaghaltas na h-Alba a dhèanamh cinnteach gun robh àite làitheil aig a' Ghàidhlig ann am beatha phoblaich nan Eilean Siar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile