Taic do thuath-gaoithe Leòdhais

Tuath-gaoithe
Image caption Bha luchd-glèidhteachais air dragh a thogail mun bhuaidh air eunlaith

Thug Comataidh Àrainneachd 's Seirbheisean Dìon Chomhairle nan Eilean Siar taic dha tuath-gaoithe a tha a' chompanaidh Lewis Windpower am beachd a thogail deas air Steòrnabhagh.

Bidh 42 chrann an lùib an leasachaidh.

Bha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) air dragh a thogail mun leasachadh 's iad ag ràdh gum faodadh e a bhith na chunnart do dh'eunlaith.

Bha Ministrealachd an Dìon agus buidheann iùil nam plèanaichean, NATS, cuideachd air ceist a thogail mun bhuaidh a bhiodh aige air ràdar.

Thuirt Cò-òrdanaiche Coimhearsnachd Lewis Windpower, Dàibhidh Moireasdan, gun robh iad toilichte leis an adhartas a chaidh a dhèanamh, ged a tha rudan aca ri rèiteach fhathast.

Rèìte

Thuirt e gun robh iad an dòchas coinneachadh ris an fheadhainn a thog gearainean a dh'aithghearr feuch an gabh aonta a dhèanamh leotha.

'S ann an urra ri Riaghaltas na h-Alba a bhios e, cead deireannach a thoirt seachad.

Ma gheibh iad cead, tha Lewis Windpower ag ràdh gum bi obraichean an cois an leasachaidh dha muinntir an àite.

"Tha obair gu bhith ann airson bliadhna neo dhà co-dhiù - tha sinn an dòchas gum faic sinn obair dha luchd-obrach a-muigh ann an Àranais - sin fear dhe na rudan a tha sinn a' coimhead ris," thuirt Mgr Moireasdan.

Thuirt Mgr Moireasdan gu bheil dùil ri fios meadhan na bliadhna seo an tèid leigeil leis an tuath-ghaoithe a dhol air adhart.

"Ma thig a h-uile càil leinn, bidh e bliadhna eile às dèidh sin mus tòisich obair," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile