Modaireatair ùr an FCC
- Air fhoillseachadh

Gabhaidh e thairis dreuchd a' mhodaireatair anns a' Chèitean
'S e an t-Urr. Seumas Gracie an ath-mhodaireatair a bhios air an Eaglais Shaor Leantainnich.
'S ann à Partaig a tha e, far an robh athair na eildear anns an Eaglais Shaoir.
Tha ceanglaichean teaghlaich aige cuideachd ris an Eilean Sgitheanach.
Tha Mgr Gracie an dràsta na mhinistear ann an Dùn Èideann, as deidh dha roimhe a bhith ann an Arainn agus ann an Uibhist a Tuath.
Tha e pòsda le teaghlach de thriùir.
Gabhaidh e thairis bhon t-Urr. Graeme Craig aig Àrd-sheanadh na h-eaglaise sa Chèitean.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh