Iomairt aiseig an Glaschu

Luchd-iomairt ann an Glaschu Image copyright Other
Image caption Cuid dhen fheadhainn a tha ag iarraidh na seirbheis

Bha sluagh à Uibhist a' togail fianais ann an Glaschu Disathairne, 's iad ag iarraidh gun stèidhich Riaghaltas na h-Alba seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

'S ann taobh a-muigh Ionad Taisbeanaidh na h-Alba, far an robh co-labhairt Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba ga chumail, a bha a' bhuidheann a' togail fianais.

Tha an luchd-iomairt - air a bheil an t-ainm Missing Link - a' gearain nach eil an t-seirbheis a' faighinn prìomhachais ann an ath-sgrùdadh aiseagan an Riaghaltais a tha a' gabhail àite an dràsta.

Oileanaich

Bha daoine òg à Uibhist a tha an-diugh a' fuireach ann an Glaschu a-measg na bha an lùib na h-iomairt aig an deireadh sheachdainn.

Thuirt tè dhiubh sin, Gemma Steele a bhuineas do dh'Uibhist a Deas, agus a tha na h-oileanach ann an Glaschu, gum biodh seirbheis eadar Malaig agus Loch Baghasdail tòrr na bu ghoireasaich dhith-se agus do mhòran eile.

"Bhiodh e tòrr na b' fhasa dhomh faighinn dhachaigh agus dh'fhaodainn a bhith a-staigh nas trice cuideachd", thuirt i.

Aig coinneimh ann an Dalabrog bho chionn cealla-deug, chur ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan BPA, ìmpidh air feadhainn a tha ag iarraidh na seirbheis na beachdan aca a chuir chun an Riaghaltais fhad 's a tha an co-chomhairleachadh aca a' gabhail àite.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile