Stèisean rèidio ann an cunnart
- Air fhoillseachadh

Tha an stèisean rèidio choimhearsnachd Nevis Radio a' sireadh taic a' phobaill gus an tèid aca air an stèisean a chumail a' dol.
Tha stiùrichean na stèisein ag ràdh gu bheil cunnart ann gun tèid an t-seirbheis a chall uile gu lèir mura tog iad gu leor a dh'airgead airson obair a dhèanamh air a' chrann-craolaidh aca.
Tha trioblaidean teicnigeach air a bhith a' toirt buaidh air an stèisean bho chionn ghoirid - as dèidh mar a nochd trioblaid le uidheamachd an stùideo - ag adhbharachadh briseadh anns an t-seirbheis.
Cosgais
Tha e a' cosg co-dhiù £1000 dhaibh gach turas a dh'fheumas iad ensineer a ghairm a-mach.
'S e daoine a tha ag obair ann gu saor-thoileach as motha a tha a' cumail na seirbheis a' dol.
Thuirt Cathraiche Nevis Radio, Iain Feargasdan, gu bheil an stèisean air a bhith aig meadhan na coimhearsnachd ann an Loch Abair bho chionn còig bliadhna deug.
Tha e ag ràdh, ma dh'fhailicheas orra gu leòr a dh'airgead fhaighinn airson uidheamachd ùr a cheannach, nach fhaigh iad air cumail a' dol.
Thuirt e gur e fìor chall a bhiodh an sin, leis gu bheil an stèisean a' toirt seachad fiosrachaidh chudromach mu thubaistean, rathaidean a bhith dùinte agus droch shìde - fiosrachadh nach eil ri fhaighinn ann an àite sam bith eile.