Rathad an t-Sròim a' fosgladh tro shoillearachd an là
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dol a dh'fhosgladh seach-rathad an t-Sròim - an A890 eadar 07:00m agus 7:00f bhon 19mh den Mhàrt.
Bidh trafaig a' dol air a an loidhne-rèile son pìos den t-slighe agus bidh solais-rathaid is geataichean ann son smachd a chumail air cuin a gheibh carbadan is trèanaichean seachad air a chèile.
Chan eil cead aig carbadan a tha nas motha na 7.5 tunna a dhol air an rathad a bharrachd.
Bidh a' chompanaidh, TRAC Engineering a 'dol air adhart leis an obair acasan son na creagan a tha ri taobh an rathaid a dhèanamh sàbhailte son feuchainn ris an rathad fhosgladh ceart ann an ùine nach bi fada.
Aiseag a' falbh
Eadar 19-23mh am Màrt bi an t-aiseag a' ruith cuideachd dìreach air eagal 's gum bi trioblaidean le cùisean air an rathad, ach bidh feum aig aiseag nan carbadan 'Glenachulish' tilleadh a Ghleann Eilge san t-seusan aice a' tòiseachadh an sin.
Suas chun an 23mh den Mhàrt thèid sgoilearan bhon Chomraich, Ciseorn agus Loch Carrann dha Sgoil a' Phluic air an trèana, ach bhon 26mh am Màrt tha dùil gun tèid iad air an rathad ann am bus-sgoile.
Thuirt Stiùiriche Sheirbheisean Teicnigeach na Comhairle, Niall MacIllÌosa, gun robh iar air uidheamachd shònraichte a cheannach son a chur air an loidhne-rèile a dh'obraicheas son chàraichean agus thrèanaichean, 's bi sin aca ma thachras seo a-rithist.
TRAC
Tha TRAC Engineering air na ceudan thunnaichean de chreig a thoirt air falbh bhon rathad às dèidh maoim-slèibhe a thachair dìreach ron Nollaig, 's ged a chaidh adhartas a dhèanamh 's e bhith faighinn an rathaid fosgailte ceart am prìomh amas aca.
Thug Niall MacIllÌosa taing dhan bhuidhinn aig a bheil aiseag Ghlinn Eilge son an 'Glenachulish' a thoirt seachad dhaibh san eadar-ama 's thug e taing cuideachd dha Scotrail son seirbheis nas tràithe a chur air dòigh chun a' Chaoil son a' chlann fhaighinn dhan àrd-sgoil.