Dùnadh sgoiltean sna h-Eileanan Siar anns a' Chùirt
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tig a' chùis-lagha eadar Comhairle nan Eilean Siar agus Riaghaltas na h-Alba mu dhùnadh sgoiltean gu crìch Diciadain seach Diardaoin mar a bha dùil.
Tha a' chùis ann an Cùirt an t-Seisein, agus a' Chomhairle a' cur an aghaidh casg a chuir an Riaghaltas orra bho bhith a' dùnadh sgoiltean.
Leis gun deach barrachd fhiosrachaidh na bhathas an dùil a thoirt seachad Dimàirt, thathas an dùil gun toir an Riaghaltas am fiosrachadh acasan air fad seachad Diciadain, gun a bhith feumach air an treas là sa chùirt.
Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil e a' cosg £1m sa bhliadhna dhaibh bun-sgoiltean Sheileaboist agus Chàrlabhaigh, agus àrd-sgoiltean dà bhliadhna Lionail agus Shiaboist a chumail fosgailte.
Chuir an Riaghaltas casg air dùnadh nan ceithir sgoiltean às dèidh iomairt a rinn pàrantan.
'S ann aig an Riaghaltas a tha co-dhùnadh deireannach air dùnadh sgoiltean nuair a dh'fheumadh clann gluasad gu sgoil eile a tha nas fhaide na deich mìle air falbh.
Chuir an Riaghaltas casg air dùnadh leis gun robh iad a' meas nach robh a' Chomhairle air co-chomhairleachadh ceart a dhèanamh. Tha a' Chomhairle a' dol às àicheadh sin.
Chaidh a' chùis a chur dheth deireadh na bliadhna an-uiridh, nuair a cho-dhùin an dà thaobh gun robh iad a' cur feum air barrachd is aon là sa chùirt leis gun robh uidhir de dh'fhiosrachadh ann ri dhol troimhe.
Chan eil dùil ri co-dhùnadh gu an ceann sia seachdainnean.
Ma thèid leis a' Chomhairle dh'fhaodadh gun dùin na sgoiltean cho tràth ris an Ògmhios.