Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rannsachadh Leveson

Chuir poilis sianar an grèim sa mhadainn an-diugh mar phàirt den rannsachadh air casaidean gun robh buidheann phàipear-naidheachd Rupert Murdoch, News International, ri farchluais air fònaichean. Thuirt na poilis gun deach còignear fhear agus boireannach a chur an grèim eadar Lunnainn, Oxfordshire, Hampshire agus Hertfordshire fo amharas gun do dh'fheuch iad ri bacadh a chur air ceartas. Chaidh dearbhadh gu bheil Rebekah Brooks, a bha na h-àrd-oifigear air News International, am measg na chaidh a chur an grèim.

Bomair Locarbaidh

Tha aithrisean as ùr ann an-diugh a tha a' cur teagamh ann an dìteadh Bomair Locarbaidh. Tha am pàipear-naidheachd an Herald ag ràdh nach tug luchd-casaid pàipearan a bha cudromach dhan chùis do luchd-lagha a bha a' dìon Abdelbasset al Megrahi. Tha am pàipear-naidheachd ag ràdh gum faca iadsan aithris, anns a bheil còrr is 800 duilleag, a chuir Coimisean Ath-sgrùdaidh Chùisean Eucora na h-Alba gu ruige Cùirt an Ath-thagraidh.

Afganastan

Chaidh saighdear Afganach a mharbhadh ann an sabaid ri buidhinn de reubaltaich a thug ionnsaigh air buidhinn bho Riaghaltas Afganastan. Bha riochdairean an Riaghaltais a' tadhal air a' bhaile anns an do mharbh saighdear Aimeireaganach sia duine deug de shìobhaltaich Là na Sàbaid, nuair a chaidh losgadh orra. Bha dithis de bhràithrean a' Chinn-suidhe Karzai, ann am buidheann an Riaghaltais.

Tha am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, a' siubhal dha na Stàitean Aonaichte an-diugh airson turas trì là. Bidh e fhèin agus an Ceann-suidhe Obama a' bruidhinn air clàr-ama ùr airson saighdearan a tharraing a-mach às Afganastan agus an obair sin fhàgail aig feachdan Afganach.

Dùnadh Sgoiltean

Tha Comhairle nan Eilean Siar aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann an-diugh, a' feuchainn ri cur às do cho-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba, a thuirt nach fhaod iad ceithir sgoiltean a dhùnadh. Tha a' Chomhairle airson bun-sgoiltean Sheileaboist agus Chàrlabhaigh a dhùnadh, còmhla ri roinnean àrd-sgoile ann an Lionail agus Siabost. Ach chuir Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Russell stad orra, agus e ag ràdh nach deach conaltradh poblach ceart a dhèanamh. Ma shoirbhicheas leis a' Chomhairle dh'fhaodadh sgoiltean dùnadh cho tràth ris an Ògmhios.

Seach-rathad an t-Sròim

Fosglaidh seach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois a-rithist Diluain, le bhith a' cur trafaig air loidhne na rèile. Thèid plèataichean iarainn a chur air an rèile ri taobh a' phìos rathaid a tha dùinte, gus an tèid aig carbadan agus trèanaichean air siubhal oirre. Agus air adhbharan sàbhailteachd, bidh uidheam a' treòireachadh na trafaig air an rèile eadar 07:00m agus 7:00f.