Dragh mu aiseag Loch Àlainn - Fisinis ann am Muile

MV Loch Fyne Image copyright Other
Image caption Ghiùlain an t-aiseag 165,000 duine an-uiridh, a rèir fhigearan

Tha dragh ann mun t-seirbheis aiseig eadar sgìre na Morbhairne agus Muile ma 's e agus gun tèid ceanglaichean aiseig nas fheàrr a stèidheachadh eadar an t-Òban agus Muile.

Tha an sgrùdadh a rinn Còmhdhail na h-Alba air na seirbheisean aiseig ag ràdh gur e fiodh coille 's motha a tha ga ghiùlain thar an aiseig eadar Fisinis agus Loch Àlainn.

Ach tha muinntir na sgìre ag ràdh gu bheil dearbhadh ann le figearan gun tug am bàta leatha 165,000 duine an-uiridh, agus còrr 's 45,000 càr.

'S i an MV Loch Fynne - a b' àbhaist a bhith air slighe Chaoil Àcain - a bhios a' ruith eadar Loch Àlainn agus Fisinis.