Cìs pharcaidh Ghlinn Afraig ga cur dheth rè ùine

Chuir Coimisean na Coilltearachd planaichean airson cìs a chur air parcadh ann an Gleann Afraig, dheth rè ùine.

Bha Comhairle Sreapdaireachd na h-Alba ag iarraidh orra dàil a chur air na planaichean aca, agus dragh orra nach deach co-chomhairleachadh poblach a chumail air a' chùis.

Bha an Coimisean an dùil £1.3m a thogail bho na cìsean ro 2014.

Dheadh sin a chosg air a bhith a' leasachadh ghoireasan poblach san sgìre.

Chuir an Coimisean na planaichean dheth gus an tèid coimhead ri co-chomhairleachadh a dhèanamh air a' chùis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile