Strì a' leantainn son fearainn coimhearsnachd
- Air fhoillseachadh

Dh'aontaich a' bhuidheann Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gun cum iad orra a' strì airson barrachd airgid do choimhearsnachdan a th' airson na h-oighreachdan air a bheil iad a' fuireach a cheannach.
Tha co-labhairt bhliadhnail na buidhne ga cumail ann am Muile an-dràsta.
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba o chionn ghoirid gun deach £6m a chur ri Stòras Fearainn ùr, air am faod coimhearsnachdan tarraing airson fearann a cheannach.
Am measg na th' air clàr-ghnothaich na co-labhairt, tha Croitearachd air Fearann Coimhearsnachd, Riaghladh Oighreachd a' Chrùin, agus Taigheadas air fearann coimhearsnachd.
"Tha sinn air misneachd mhòr fhaighinn a thaobh na naidheachd gun do dh'èist an Riaghaltas ris an rud a bha sinn ag iarraidh bho thùs an là, gun deadh an stòras airgid sin a chruthachadh," thuirt fear-labhairt na buidhne, Iain MacÌomhair.
"'S e fear de na h-amasan againn a bhith a' dearbhadh do dh'fheadhainn aig a bheil grèim air sporan an airgid, leithid feadhainn anns an Riaghaltas, cho feumail 's a tha, agus cho fada 's a thèid taic-airgid do bhuidhnean de ar leithid fhèin.
"Far a bheil sinn a' faicinn choimhearsnachdan a' gabhail a-null an uallaich agus a-mach às sin a' faicinn nan leasachaidhean.
"Agus aig an aon àm a' tàladh dhaoine air ais chun nan coimhearsnachdan sin, agus ga dhèanamh nas comasaiche dhaibh seasamh air na casan aca fhèin," thuirt e.