Taibhse na Tràghad

  • Air fhoillseachadh
Gavin LockhartTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh na leacan ann an cruth suidheachain, ri taobh ceum-coise

B'e àite fiadhaich, creagach, cunnartach a bh' ann an cladaichean Ghallaibh a-riamh.

Chan fhada ge-tà, o bha coltas gu math eadar-dhealaichte air pàirtean dheth.

Suas chun an Dàrna Cogaidh, bha tràighean mòra gainmheach air costa chreagach na sgìre.

Cha robh iad ann tuilleadh aig deireadh a' chogaidh ge-tà.

"Dig For Victory"

Cha b'e ionnsaigh mhòr an nàmhaid a thug air falbh a' ghainneamh, 's cha b'e dòigh neònach air gainneamh a chleachdadh airson stuth ceimigeach air choireigin a thoirt àiste nas motha.

'S e thug a' ghainneamh leis, ach àiteachas.

'S fhada a tha tuathanaich air a bhith a' cur gaineimh shligich air an talamh airson a dhèanamh nas torraiche.

Bidh an alkali a th' anns na sligean briste a' cothromachadh pH talmhainn seirbh mhòintich, 's ga fhàgail na fuithir - talamh math torrach, a tha freagarrach airson àiteachais.

Thar nan linntean, cha tug sin buaidh ro mhòr air na bha de ghainneimh sna tràighean.

Ach san Dàrna Cogadh, bha cruaidh fheum, mar nach robh riamh roimhe, air biadh bho ar n-achannan fhèin.

Chaidh na tunnaichean mòra de ghainneimh Ghallaibh a thoirt air falbh 's a sgaoileadh air talamh truagh, gus a dhèanamh nas deònaiche bàrr a thoirt suas.

Thug sin atharrachadh buan air cladaichean na sgìre, agus chan eil faisg uiread de ghainneimh ann a-nis.

Tha planaichean ann ge-tà, tomhais de na bh' ann a chur air ais.

Chan e gun tèid na tràighean a thilleadh - 's e obair mhòr eagallach a bhiodh ann tràigh san robh 2.5 mìle de dh'fhaid mar a bh' aig Taigh Iain Ghròt ath-chruthachadh. Gu h-àraid leis an eaconamaidh mar a tha i an-dràsta.

Tha am fear-ealain Gavin Lockhart air cùmhnant fhaighinn gleans a chur air an oirthir ann am baile Thaigh Iain Ghròt.

Tha seo mar phàirt de dh'ath-leasachadh air coltas a' bhaile, a tha ga thoirt air adhart le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).

An àite thràighean gainneamhach, thèid sia leacan a chur cois a' chladaich, le ìomhaighean air an snaigheadh annta, air an tarraing bho sheann dealbhan de thràighean coltach ris na bh' ann san sgìre.

Bidh iad ann an cruth suidheachain, agus bheir iad iùil air daoine air chuairt taobh na "tràghad."

Tha HIE a' cur £1.8m a-steach air ath-leasachadh a' bhaile, a bhios a' tàladh nam mìltean de luchd-turais gach bliadhna.

Cosgaidh sgeama nan leacan £15,000, leis na leacan air an toirt bho chuaraidh sgleat san sgìre.

Thèid an obair-snaighidh a dhèanamh le companaidh à Cataibh.

Chan eil làraichean nan leacan air an comharrachadh fhathast.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh