Uilleam MacSporran
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

10 bliadhna de dh'Urras Ghiogha

15 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dùil ri latha trang ann an Eilean Ghiogha Diardaoin agus muinntir an àite a' comharrachadh 10 bliadhna bho cheannaich iad am fearann.

Dh'innis Uilleam MacSporran a bha na chathraiche air Urras Dualchas Ghiogha, agus a tha a-nis na stiùiriche air Cumhachd Ath-nuadhachail Ghiogha mu chuid dha na rudan a rinn iad san ùine sin.