10 bliadhna ann an Giogha

  • Air fhoillseachadh
Uilleam MacSporran
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Uilleam MacSporran gu mòr an sàs san iomairt an t-eilean a cheannach

Tha dùil gum bithear a' dannsa gu uairean beaga na maidne Dihaoine ann an Giogha.

Bidh an cèilidh a' toirt gu crìch latha dè thachartasan a' comharrachadh ceann-bliadhna sonraichte dhan eilean.

10 bliadhna air ais, an 15mh latha dhen Mhàrt 2002, fhuair muinntir Ghiogha sealbh an fhearann.

Mhol an eòlaiche fearainn Jim Hunter an obair a rinn na h-eileanaich bhon uairsin, ag ràdh gum bu chòir do dh'Alba a bhith moiteal asta.

Iosad

Phàigh na h-eileanaich £3.85 millean airson Giogha, le taic bho Stòras Fearann na h-Alba, HIE agus tabhartasan priobhaideach.

Thog iad fhèin cuibhreann dhen airgead cuideachd.

Cha robh iad fada a' dèiligeadh ri na fiachan aca.

Phàigh iad iosad de £1 millean bho Stòras an Fhearainn air ais taobh a-staigh 2 bhliadhna.

Thàinig earrann mhath dhan t-suim sin bhon Taigh Mhòr a bha leis an uachdaran a bh'aca roimhe.

Bha Uilleam MacSporran na chathraiche air Urras Dualchas Ghiogha.

Fo-thiotal a’ bhidio,

10 bliadhna de dh'Urras Dualchas Ghiogha

A' bruidhinn air Aithris na Maidne thuirt e gur e a bhith a' trusadh airgid an dùbhlan as motha a bha rompa.

"Gheibheadh tu grant ach bha feum air airgead a chuir ma choinneamh a' ghrant.

"Agus se mòran airgid a' b'fheudar dhuinn fhèin a thrusadh sa chiad bliadhna.

"Nan d'fhuair sinn am millean not sin a ghlèidheal, bhiodh sinn air dòigh eile a-nis, bhiodh sinn air ar casan, mar gun abair thu.

"Bha sinn glè fortanach gun d'fhuair sinn uimhir cuideachd.

"Dheanamaid feum le tuilleadh," thuirt Mgr MacSporran.

Amasan

Am measg nam prìomh amasan aca bha taighean a thogail agus 47 taigh air an eilean a thoirt gu ìre nas fheàrr.

Rinnear sin air tòrr dhiu.

Tha mu 16 fhathast ri sgeadachadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e gnothach mòr a tha sin."

"Sin na gheall sinn nuair a ghabh sinn an gnothach thairis, nan deanamaid nan taighean suas, " thuirt Mgr MacSporran.

Dh'innis Mgr Sporran, a tha a-nis na stiùiriche air Cumhachd Ath-nuadhachail Ghiogha, mar a thog a' choimhearsnachd 3 muilnean gaoithe.

Tha sin a' cosnadh mu £100,000 dhan choimhearsnachd a h-uile bliadhna.

Tha iad a' feuchainn ris a' cheathramh tè a chuir an àrda, ach tha beagan de dhuilgheadasan air a bhith aca airgead a thogail airson sin aig an ìre-sa.

"Tha gnothaichean beagan nar n-aghaidh an-dràsta, ach mar sin fhèin, thainig iomadh gnothach nar n-aghaidh fhuair sinn thairis orra."

"Bidh sin air a dhèanamh a-rithist, tha mi gu math cinnteach," thuirt Mgr MacSporran.

Òigridh

Tha barrachd dhaoine air a thighinn chun an eilein san 10 bliadhna mu dheireadh, a' cur, am measg eile, ris an àireamh a tha sa sgoil.

Coltach ri àiteachan eile far a bheil sealbh aig a' choimhearsnachd air an fhearann aca tha e cudromach daoine a bhrosnachadh obair saor-thoileach a dhèanamh.

Tha Mgr MacSporran gu sonraichte airson daoine òg fhaicinn a' tighinn a-steach agus cuid dhan fheadhainn a tha ris an obair an-dràsta air aois a-ruighinn.

"Ma chumas tu feadhainn òg a' dol ag obair leat, tha iad sin ag obair agus a' tòiseachadh leotha fhèin.

"Chan e mar a bha sinne, thòisich sinne san dorchadas," thuirt Mgr MacSporran.

Anns an ath 10 bliadhna bu chaomh le Mgr MacSporran an ceathramh crann gaoithe fhaicinn an àrda, na taighean air fad air an criochnachadh agus barrachd obrach air a dhèanamh air na h-achaidhean fearainn.

"Tha a h-uile duine a' dèanamh an dìochall a' cumail a' ghnothaich a' dol air adhart, thuirt Mgr MacSporran.