Dòchas mu sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

  • Air fhoillseachadh
Pàiste le peannTùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh,
Tha sùil ri dà sgoil Ghàidhlig fa-leth a bharrachd air Ghàidhealtachd

Thuirt Ministear na Gàidhlig gu bheil e gu math dòchasach an dèidh nan còmhraidhean as ùire aige le Comhairle na Gàidhealtachd, gun stèidhichear sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh.

Bha Alasdair Allan a' bruidhinn agus e a' foillseachadh £200,000 airson leasachadh a thoirt air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Dhiùlt Mgr Allan innse na chuireadh an Riaghaltas de dh'airgead mu choinneimh sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh ge-tà.

Thuirt a' Chomhairle nach tèid Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh air adhart às aonais taic-airgid bhon Riaghaltas.

"Tha mise gu math misneachail mu dheidhinn Phort Rìgh agus a' Ghearasdain," thuirt Mgr Allan.

"Tha mi air bruidhinn ri Comhairle na Gàidhealtachd mu dheidhinn, agus tha mi gu math dòchasach a-nise gum bi obair a' tòiseachadh air sgoil anns a' Ghearasdan a dh'aithghearr.

"Agus tha sinn a' bruidhinn ris a' Chomhairle mu na planaichean a th' aca a thaobh sgoil Phort Rìgh.

"Aig a' chòmhradh mu dheireadh a bh' againn bha sinn gu math misneachail mu dheidhinn, agus chan eil teagamh sam bith nach bi taic làidir a' tighinn bhon Riaghaltas don Chomhairle airson an dà sgoil sin a thòiseachadh, agus tha mise gu math misneachail gum bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' fàs air Ghàidhealtachd cuideachd," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh