Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist Bus

Thàinig e am follais gun robh gille òg à Breatainn am measg an 28 duine a chaidh a mharbhadh san tubaist bus san Eilbheis Dimàirt. Bhuinneadh Sebastian Bowles, a bha 11, do Lunnainn, ach ghluais a theaghlach dhan Bheilg bho chionn dà bhliadhna. Bhuail am bus ann am balla agus e air an t-slighe air ais dhan Bheilg an dèidh turais a' sgitheadh anns na h-Alps.

Afganastan

Dh'innis fear-lagha dhan t-saighdear Aimeireaganach a tha fo chasaid gun do mharbh e 16 duine de shìobhaltaich Afganach nach robh an saighdear airson tilleadh gu blàr an dèidh a leòn dà thuras ann an Iorac. Thuirt am fear-lagha, John Henry Brown, gum faca an saighdear cuideachd caraid dha air a dhroch leòn là no dhà ron mharbhadh a rinn e ann an Afganastan. Tha an saighdear, nach deach ainmeachadh, ga chumail an-dràsta aig ionad Aimeireaganach ann an Kuwait.

Bha heileacoptair le feachdan NATO ann an tubaist ann an Kabul, am prìomh bhaile ann an Afganastan. Chaidh ochdnar shaighdear às an Tuirc a bh' air an heileacoptair a mharbhadh, agus ceathrar shìobhaltach Afganach air a' ghrunnd. Thuirt oifigearan poilis ann an Afganastan gur e trioblaidean teicnigeach a thàinig air an heileacoptair.

Siria

Bheir Kofi Annan, Tosgaire nan Dùthchannan Aonaichte agus na Lìge Arabaich, cunntas do Chomhairle Thèarainnteachd an UN an-diugh fhathast air an oidhirp as ùire air stad a chur air an t-sabaid ann an Siria. Bha Mgr Annan ann an Siria bho chionn ghoirid far an do chuir e molaidhean ùra airson sìth mu choinneimh a' Chinn-suidhe Assad.

Coimisean na Croitearachd

Thèid co-dhùnadh na bhòt airson Coimisean ùr na Croitearachd fhoillseachadh ann an Inbhir Nis an-diugh. Seo a' chiad uair riamh a bha taghadh deamocratach ann dhan Choimisean. Thagh Riaghaltas na h-Alba triùir choimiseanair mar thà. Cha do sheas duine an aghaidh riochdaire Arcaibh is Chataibh, agus thèid ceathrar eile ainmeachadh a bharrachd orra sin às 28 duine eile a sheas airson àite air Coimisean ùr na Croitearachd a thòisicheas air an ath-mhìos.

Rangers

'S e an-diugh an là mu dheireadh air am bi cead aig feadhainn a th' airson cluba buill-choise Rangers a cheannach sin a dhèanamh follaiseach. Tha Pòl Moireach, a bha na stiùiriche air Rangers, am measg na dh'fhaodadh sin a dhèanamh. Ach thuirt an luchd-riannachd Duff and Phelps, gum feum dearbhadh a bhith aig buidhinn a thig air adhart an-diugh, gu bheil airgead gu leòr aca airson an cluba a ghabhail thairis.

Connadh nan Iasgairean

Tha dragh ann mu sgeama Chomhairle nan Eilean Siar a tha a' toirt connaidh shaoir do bhàtaichean iasgaich, leis gun cosg e ceudan mhìltean not tancaichean ola is goireasan eile ùrachadh. Thuirt sgrùdadh air tancaichean aig 14 cidhe agus cala air feadh nan Eilean, gu bheil iad feumach air ùrachadh a chosgas mu £300,000. Bidh comhairlichean a' beachdachadh a-niste air prìs a' chonnaidh a chur suas mu choinneimh nan cosgaisean.