Dragh mu sgeama connaidh do bhàtaichean-iasgaich

Cala Phort Nis Image copyright Other
Image caption Bidh an sgeama a' reic timcheall air 2m liotair de chonnadh ri bàtaichean-iasgaich nan Eilean

Tha sgeama connaidh a th' air a bhith glè fheumail do dh'iasgairean nan Eilean Siar ann an cunnart.

Tha còrr is deich bliadhna bho thòisich Comhairle nan Eilean Siar a' reic connaidh shaoir ri bàtaichean-iasgaich nas lugha na 12 meatar de dh'fhaid.

Tha an sgeama a' reic timcheall air 2m liotair gach bliadhna ris na h-iasgairean.

Tha cuid de na 14 tancaichean anns a bheil iad a' stòradh a' chonnaidh feumach air ùrachadh.

Cosgaidh sin suas ri £300,000, agus beachdaichidh buill air a' phrìs air a bheil iad a' reic a' chonnaidh àrdachadh gus dèiligeadh ris a' chosgais sin.

Chaidh dà thanca a chàradh mar thà, leis gun robh iad air fàs cho meirgeach 's cho aosta 's gu bheileas gam meas cunnartach.