Pàrantan a' diùltadh bus-sgoile a chleachdadh

  • Air fhoillseachadh
An t-ÒbanTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Tha a' Chomhairle a' sireadh slighe ùir dhan bhus-sgoile

Tha pàrantan ann am baile an Earra-Ghàidheal air stad a chur air an cuid chloinne bho a bhith a' cleachdadh bus-sgoile ùir, leis gu bheileas ga dhraibheadh sia mìle air falbh bhon cheann-ùidhe gus am faigh an dràibhear àite sàbhailte airson am bus a thionndadh.

Is coltach gu bheil an t-slighe eadar Cille Mhoire agus an t-Òban a-nise a' toirt trì chairteal na h-uaireach, seach deich mionaidean.

Tha cuid a' cumail a-mach gu bheil Riaghailtean Slàinte is Sàbhailteachd air a dhol tuilleadh is fada.

Thuirt Comhairle na sgìre gu bheileas a' coimhead ri slighe ùr, ach gu bheil sàbhailtechd na prìomh amas dhaibh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh