Rathad an t-Sròim air fosgladh gu ìre
- Air fhoillseachadh
Rathad an t-Stroim air fhosgladh gu ìre
Tha Seach-rathad an t-Sròim air fosgladh gu ìre, às dèidh dha a bhith dùinte bho àm na Nollaige ri linn maoim-slèibhe.
Feumaidh càraichean a dhol air an loidhne-rèile airson pìos den t-slighe, a bhios fosgailte taobh mu seach eadar 07:00m agus 7:00f.
Tha bàt'-aiseig Ghlinn Eilge agus am bàta samhraidh an Sùla Mhòr air a bhith a' frithealadh na sgìre bho thachair a' mhaoim-slèibhe goirid ron Nollaig.
Bidh na bàtaichean air an t-slighe tarsainn a' Chaolais Charrannaich gu deireadh na seachdain seo.
Tha a' chompanaidh TRAC Engineering a' cumail orra leis an obair airson a' chreag air fad os cionn an rathaid a dhèanamh sàbhailte.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 20 Am Faoilleach 2012