Duine ga mharhadh air an loidhne-rèile
- Air fhoillseachadh
Bhàsaich duine aig crois-rèile air an A862 faisg air Inbhir Nis Didòmhnaich an dèidh mar a bhuail treana ann.
Chaidh seirbheisean èiginn a ghairm mu 4:00f chun na crois-rèile anns an Dail Mhòr, eadar Inbhir Nis agus Bun Chraoibh.
'S e an trèana a dh'fhàg Inbhir Ùige airson Inbhir Nis, aig beagan an dèidh 11:50m a bha an sàs san tubaist.
Tha poilis ag ràdh nach eil iad amharasach mu bhàs an duine, agus gu bheil iad a' rannsachadh feuch cò bh' ann.