Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Fhraing

Tha aithrisean ann gu bheil triùir chloinne am measg cheathrair co-dhiù a chaidh a mharbhadh nuair a loisg fear le gunna orra aig sgoil Iùbhach faisg air Toulouse ann an ceann an iar-dheas na Frainge. Seo an treas ionnsaigh den aon sheòrsa far a bheil fear-gunna air motor-baidhseagal a' losgadh air daoine. Chaidh triùir shaighdear a mharbhadh ann an dà ionnsaigh an t-seachdain seo chaidh.

Peinseanan nam Post

Chuir aonadh luchd-obrach seirbheis a' phuist, an CWU, fàilte air plana an Riaghaltais airson siostam peinsein a' Phuist Rìoghail a ghabhail thairis. Dh'fheumadh sin cead fhathast bhon Choimisean Eòrpach, ach 's e gluasad a bhiodh ann gu ruige am Post Rìoghail a chur dhan roinn phrìobhaidich - rud nach eil an CWU ag iarraidh.

Oighreachd a' Chrùin

Tha Comataidh nan Cùisean Albannach ann am Pàrlamaid Westminster a' coinneachadh ann an Inbhir Nis an-diugh, far an innis iad dè an co-dhùnadh dhan tàinig iad an dèidh sgrùdaidh air obair Oighreachd a' Chrùin ann an Alba. Tha e coltach gu bheil a' Chomataidh deònach tuilleadh chumhachd air cladaichean agus grunnd na mara a thoirt do Riaghaltas na h-Alba mar a tha Riaghaltas an SNP air a bhith ag iarraidh.

Sgìrean Glèidhte Mara

Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh dà sgìre ghlèidhte aig muir, Marine Protected Areas, a dhèanamh sa Chuan Sgith. Bhiodh tè dhiubh ann am meadhan sgìre cho math 's a th' ann airson iasgach a' mhaosgain-chaoil faisg air na h-Eileanan Mòra. Bhiodh an tè eile a' falbh à beul Loch Steòrnabhaigh suas mun Rubha gu ruige Nis, far a bheil companaidhean leasachaidh a' coimhead air tuathan-gaoithe aig muir. Tha dragh air iasgairean ge-tà mun bhuaidh a bheireadh iad sin air iasgach a' mhaosgain-chaoil.

Bòrd-smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean

Chàin Cathraiche Bhòrd-smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean aithisg bho Choimisean a' Chunntais, a thuirt gu bheil laigse ann an stiùireadh seirbheis smàlaidh a' chinn a tuath. Thuirt an Comh. Richard Durham, nach eil an aithisg buileach cothromach ann a bhith a' gearain air trèanadh an luchd-smàlaidh, cion-uidheamachd, agus mar a thathas a' cosg airgid na seirbheis. Tha Bòrd-smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' coinneachadh an-diugh a dheasbad buaidh sgrùdaidh neo-eisimeilich air trioblaidean na seirbheis.

Seach-rathad an t-Sròim

Dh'fhosgail pàirt de sheach-rathad an t-Sròim air taobh siar Rois sa mhadainn an-diugh, ach tha rabhadh do dhràibhearan gum faodadh maill a bhith orra. Dhùin an rathad ro àm na Nollaige an dèidh do chreig tuiteam os a chionn. Eadar 07:00m agus 7:00f thèid an trafaig a stiùireadh air pàirt den loidhne-rèile. Agus bidh na seirbheisean-aiseig do chàraichean agus feadhainn air chois a' dol cuideachd gu deireadh na seachdain seo.