Coimiseanair a bharrachd a dhìth sna h-Eileanan Siar

Croit ann an Leòdhas
Image caption Chaidh Murchadh MacIllinneinn a thaghadh airson nan Eileanan Siar

Tha an duine a chaidh a thaghadh gu deamocratach airson na h-Eileanan Siar a riochdachadh air Coimisean ùr na Croitearachd, ag ràdh nach eil aon choimiseanair airson nan Eilean gu leòr.

Chaidh Murchadh MacIllinnein a thaghadh sa chiad bhòt dheamocrataich a chaidh a chumail am measg chroitearan airson a' Choimisein riamh.

Thuirt e gu bheil an àireamh mhòr de chroitean a th' anns na h-Eileanan Siar a' fàgail gu bheil feum air tuilleadh riochdachaidh air a' Choimisean air an son.

6000 croit

Tha timcheall air 6,000 croit anns an h-Eileanan Siar, a-mach às an 17,725 a th' ann an Alba air fad.

Tha Mgr MacIllinnein cuideachd ag iarraidh gum bi tuilleadh de na dreuchdan a tha co-cheangailte ri riaghladh na croitearachd stèidhichte sna h-Eileanan Siar, seach ann an Inbhir Nis.

"Chan eil e ceart, dhomh fhìn co-dhiù, gu bheil suas ris an trìtheamh pàirt de na croitean an Alba anns na h-Eileanan Siar, agus gum bi aon àite aca air a' Bhòrd ùr," thuirt Mgr MacIllinnein.

"Chan eil sin ceart. Tha mi an dòchas gun coimhead an Riaghaltas ri sin mus tig an ath-thaghadh timcheall.

"Bu chòir, nam bheachdsa, gum biodh àite aig na h-Eileanan a Deas, agus àite aig Leòdhas is na Hearadh timcheall a' Bhùird," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile