Cuan Sgìth gun bhàta-slaodaidh nam Maor-cladaich

Bàta-slaodaidh an Anglian Earl Image copyright bbc
Image caption Thàinig cùmhnant nam bàtaichean-slaodaidh gu crìch air an deireadh sheachdain

Tha an Cuan Sgith às aonais bàta-slaodaidh nam Maor-cladaich, 's an cùmhnant air a thighinn gu crìch air an deireadh sheachdain.

Chaidh cùmhnant trì mìosan aontachadh aig deireadh na bliadhna an-uiridh, 's gun airgead gu leòr ann airson cùmhnant na b'fhaide.

'S ann an urra ris a' bhàta-slaodaidh a bhiodh a bhith a' dèiligeadh ri tubaist aig muir, leithid nan deadh soitheach mòr fodha, no gun cailleadh tancair-ola cumhachd.

Thuirt fear-labhairt bho Oifis na h-Alba gu bheil còmhraidhean fhathast a' dol air adhart gus an tèid an t-seirbheis a thòiseachadh as ùr.

Chan eil seo a' toirt buaidh sam bith air a' bhàta-slaodaidh anns an h-uisgeachan timcheall Shealtainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile