Gairm èiginn sna h-Eileanan gun bhàta-slaodaidh
- Air fhoillseachadh

Chuireadh a dh'iarraidh bàta-slaodaidh Shealtainn tron oidhche agus soitheach air a dhol air na creagan far chosta Uibhist a Tuath.
Chaidh bàta-slaodaidh a' Chuain Sgìth a thoirt air falbh air an deireadh sheachdain, agus leudachadh trì mìosan air a' cùmhnant air tighinn gu crìch.
Chaidh sin a dhèanamh gun innse do bhuidhnean leithid Chomhairle nan Eilean Siar agus Ùghdarras Puirt Steòrnabhaigh.
Chuir an soitheach Duidseach am Flinterspirit gairm èiginn a-mach 's i air na creagan mu eilein Fhlodaigh Mhòir mu 10:45f.
Chaidh an deichnear criubha a bh' air bòrd a thoirt gu sàbhailteachd gu lèir.
Chuireadh an soitheach, sa bheil 4,500 tunna, air bhog a-rithist aig muir làn.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh oirre ann an Steòrnabhagh, mus ceadaichear dhi leantail air a turas bhon t-Suain gu ruige Béal Feirste.
Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil leithid seo de rud na dhearbhadh air an fheum a th' air bàta-slaodaidh a bhith stèidhichte sa Chuan Sgìth.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 Am Màrt 2012