Seirbheis-smàlaidh fon phrosbaig air Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh

Thèid sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air Seirbheis-Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Ghabh Bòrd Smàlaidh a' Chinn a Tuath ris an sgrùdadh, a chosgas £10,000, aig coinneimh Diluain.

Tha seo a' tighinn às dèidh do Choimisean nan Cunntasan cantainn gun robh "laigsean mòra" san t-seirbheis.

Thuirt Àrd-Oifigear Smàlaidh Roinn a' Mhonaidh ann an sgrùdadh san Dùbhlachd gu bheil dùbhlan mòr dha-rìribh mu choinneamh na seirbheis.

Thog Dàibhidh Dalziel draghan mu stiùireadh agus sàbhailteachd.

Thuirt Coimisean nan Cunntasan nach eil an t-seirbheis air a stiùireadh mar is còir.

Bha iad cuideachd ag ràdh gu bheil laigsean ann le trèanadh agus uidheamachd.

Thuirt neach-gairm a' bhùird, Riseard Durham, nach robh beachdan a' Choimisein buileach cothromach.

A' bruidhinn mun t-suidheachadh, thuirt aonadh an luchd-smàlaidh gur e na ceannardan as coireach.