"Feum" air bàta-slaodaidh sa Chuan Sgìth, a rèir Ministeir
- Air fhoillseachadh

Thuirt Ministear Oifis na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gu bheil e a' gabhail ris gu bheil feum air seirbheis èiginn air choireigin sa Chuan Sgìth.
Bha Mgr Mundell a' bruidhinn an dèidh do shoitheach a dhol air na creagan far chladach Uibhist a Tuath, goirid an dèidh don Riaghaltas bàta-slaodaidh a' chosta an iar a thoirt à seirbheis.
"Tha e soilleir gu bheil feum air an t-seirbheis seo. Chan eil roghainn ciallach eile ann ach an t-seirbheis seo a thoirt seachad," thuirt Mgr Mundell.
"Feumaidh a-rèiste, an Riaghaltas coimhead ri dòigh air am b'urrainn dhaibh sin a dhaigneachadh.
"Tha mise airson na beachdan a chaidh a dhèanamh gu math soilleir dhomhsa le comhairlichean Eileanach agus Gàidhealach, agus le feadhainn a bhios ag obair anns a' Chuan Sgìth, a chur mu choinneimh an Riaghaltais aig Westminster, feuch freagart fhaighinn dhan t-suidheachadh," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 20 Am Màrt 2012