Tuilleadh airgid a dhìth air sgoiltean dùthchail

  • Air fhoillseachadh
SteòrnabhaghTùs an deilbh, Other

Chuala coinneamh phoblach ann an Steòrnabhagh oidhche Mhàirt gum feum sgoiltean dùthchail mòran a bharrachd airgid airson an cumail a' dol.

Bha Coimisean Sgrùdaidh nan Sgoiltean Dùthchail a' tadhal air na h-Eileanan Siar, far a bheil a' Chomhairle a' feuchainn an-dràsta ri òrdugh cùirteach fhaighinn an aghaidh casg an Riaghaltais air ceithir sgoiltean a dhùnadh.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil e a' cosg £1m sa bhliadhna dhaibh na sgoiltean a chumail fosgailte.

Chaidh an Coimisean a stèidheachadh leis gu bheil comhstrì air feadh na h-Alba eadar pàrantan agus ùghdarrasan ionadail mu dhùnadh sgoiltean.

Foillsichidh iad an aithisg aca san Lùnastal am bliadhna.

"Bha e math coinneachadh riutha 's beachdan a thoirt dhaibh," thuirt Rhoda Chaimbeul, a tha a' fuireach ann an tè de na sgìrean far a bheil an sgoil ann an cunnart dùnadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu d'fhuair iad tòrr bheachdan bho choimhearsnachdan iomallach.

"'S e dìreach cùis uabhasach duilich a th' ann. Tha sinn a' sabaid airson choimhearsnachdan iomallach, agus 's e sabaid gu math cruaidh a th' ann 's gu math duilich.

"Tha mi an dòchas gun èist iad agus gun toir iad na beachdan air ais.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum an Riaghaltas coimhead air cùisean agus air coimhearsnachdan iomallach cuideachd agus 's dòcha barrachd airgid a thoirt dhuinn.

"Tha mi a' smaoineachadh, ma tha coimhearsnachdan iomallach gu bhith ann, gum feum iad barrachd airgid a chur ann," thuirt i.

Tha Cathraiche an Fhoghlaim aig a' Chomhairle, Mòrag Rothach, ag ràdh gu bheil soillearachd a dhìth air a' chùis.

"Mhiannaichinnsa gun deadh an lagh a dhèanamh na bu shoilleire nuair a choimheadas sinn air a' cho-dhùnadh dhan tàinig Ministreachd an Fhoghlaim," thuirt i.

"Cha robh sinn a' tuigsinn carson a thàinig iad dhan cho-dhùnadh sin, agus mar sin ma bha adhbhar ann, tha sinn a' feumachdainn soillearachaidh.

"Mar sin dheth, tha mi a' smaoineachadh gu bheil cruaidh fheum air sùil mhath a thoirt air an Achd," thuirt i.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh