Deasbad Mhalaig is Loch Baghasdail

  • Air fhoillseachadh
Soidhne ann an Loch BaghasdailTùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh,
Tha draghan mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air an sgìre mur a faigh iad ceangail ri Malaig

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain air an iarrtas son seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

Dh'iarr am ball Làbarach, Rhoda Ghrannd, an deasbad 's i ag ràdh gum feum an riaghaltas an t-seirbheis sin a chur dhan ath-sgrùdadh air na seirbhisean-aiseig.

Tha Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Loch Baghasdail, Raghnall MacFhionnghuin, ag ràdh gur dòcha gur e seo an cothrom mu dheireadh son ùine mhath an argamaid airson na seirbheis a chur air adhart aig an ìre seo.

Bha Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas Mac Ille Mhaoil, ag ràdh gur e seo an cothrom as fheàrr an t-seirbheis fhaighinn.

Bidh Maighstir Mac Ille Mhaoil mar phàirt de bhuidheann a thogas fianais aig Holyrood Diciadain.

Tha seo às dèidh do Chomataidh a' Bhun-structair agus an Airgid Chalpa aig Pàrlamaid na h-Alba ath-chuinge bho Stòras Uibhist a bha ag iarraidh seirbheis aiseig eadar Loch Baghasdal is Malaig an àite dhan Òban a dhùnadh.

Ceangail

An àite an ath-chuinge a thoirt càil nas fhaide, mhol iad dhan luchd-iomairt ann an Uibhist na gearainnean agus na h-iarrtasan aca a chur an cèill tron ath-sgrùdadh a tha Riaghaltas na h-Alba a' dèanamh mar-thà air seirbheisean aiseig na dùthcha, ma tha iad airson sin a dhèanamh.

Thuirt Mgr MacFhionghuin gu bheil luchd-strì airson na seirbheis ag iarraidh gum bi ceangail eadar Malag agus Loch Baghasdail ainmeachadh san dà chuid, ann an ath sgrùdadh nan aiseagan agus cuideachd sa phàipear tagraidh aig Caledonian Mac a' Bhriuthain.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Deasbad Mhalaig is Loch Baghasdail

"Mur a bi e ann", thuirt e, "bidh e 10 bliadhna no an còrr mus bi ath-sgrùdadh nan aiseagan eile ann.

"Agus cha bhi an sin ach droch naidheachd do Loch Baghasdail son an t-seirbheis fhaighinn a Mhalaig co-dhiù."

Tha an iomairt gus seirbheis aiseig fhaighinn gu Malaig connspaideach, agus rabhaidhean ann gun dèanadh e cron air croitearachd ann an Uibhist.

Rabhadh

Thàinig an rabhadh bho fhear a tha ag obair don chompanaidh United Auctions, a tha gu math cudromach a thaobh a bhith a' giùlain stuic às na h-Eileanan.

Thuirt Dòmhnall Moireasdan nach gabhadh làraidhean stuic toirt taobh Mhalaig.

Dh'iarr e air croitearan Uibhist beachdachadh gu cruaidh mus cuir iad cùl ri seirbheis chunbhalaich don Òban.

Chan eil an fheadhainn a tha ag iarraidh aiseig a Mhalaig ag aontachadh ris an argamaid sin ge-tà.

Tha iad ag ràdh nach eil iad a' faicinn gum biodh dragh sam bith an sin airson beathaichean fhaighinn air falbh.