"Dìth taic" do chloinn le feumalachdan sònraichte

  • Air fhoillseachadh

Tha Comataidh Thar-phàrtaidh na Gàidhlig air Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh nach eil clann le feumalachdan sònraichte a tha a' dèanamh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' faighinn gu leòr taic.

Sgrìobhaidh iad gu Rùnaire na Slàinte, Nicola Sturgeon, mu dheidhinn an t-suidheachaidh.

Molaidh iad barrachd co-obrachaidh le ùghdarrasan ionadail agus bùird slàinte gus am faigh clann taic le sgilean cànain.

Tha iad a' gabhail ris nach eil luchd-teagaisg Gàidhlig gu leòr ann aig a bheil an trèanadh ceart, ach bha iad ag ràdh nach bu chòir sin a bhi na chnap-starra.

Thuirt Ceannard Chomunn na Gàidhlig, Dòmhnall MacNèill, gu bheil daoine ann le sgilean a dh'fhaodas a' chlann a chuideachadh - gu h-àraid anns na h-Eileanan Siar - 's gum biodh e math nam biodh barrachd aithne aig na h-ùghdarrasan mun ghoireas sin.

Bha Maighstir MacNèill cuideachd ag ràdh gu dòcha gu bheil cion tuigse aig ùghdarrasan ionadail mu fhoghlam Gàidhlig.