Seann stuth-sprèadhaidh ga lorg air tràigh Inbhir Narrann

  • Air fhoillseachadh
Na h-urchaireranTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Tha bacadh timcheall air an làraich, agus na poilis ag iarraidh gun seachainn daoine an Tràigh an Ear

Chaidh pàirt den Tràigh an Ear ann an Inbhir Narann a chasg dhan phoball, gus an tèid dèiligeadh ri urchairean cogaidh a chaidh a lorg ann madainn Diciadain.

Chaidh dà urchair a lorg le duine a bha a' coiseachd mu 09:45m.

Thathas an dùil gun tàinig iad am follais leis mar a ghluais a' ghainneamh.

Tha eòlaichean air an slighe à Dùn Èideann, agus tha na poilis ag iarraidh air daoine an tràigh a sheachnadh gus am bi i sàbhailte.

Bidh mòran dhaoine a' coiseachd na tràghad, gu h-àraid feadhainn le coin.

Chaidh an tràigh a chleachdadh airson saighdearan a thrèanadh ro iomairt D-day ann an 1944.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh