Obair air Caisteal Leòdhais gus tòiseachadh
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh obair-càraidh air Caisteal Leòdhais Diluain a bhios ag amas air an togalach a dhìon bhon aimsir.
Cosgaidh an obair a nì a' chompanaidh Patton à Èirinn a Tuath, 's a bhios a' dol gu deireadh na bliadhna, £2m.
Tha e mar phàirt de leasachadh nas motha a thathas a' dèanamh air a' chaisteal.
Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Eaconamaich Chomhairle nan Eilean Siar, Joe Mac a' Phì, gur e "fìor chlach-mhìle" a bh' ann airson na pròiseict.
Leasachadh mòr
Tha plana aig Comhairle nan Eilean Siar airson Caisteal Leòdhais a leasachadh gu tur agus taigh-tasgaidh is taigh-òsta a chur ann.
Cosgaidh a' phròiseict £13m, agus tha phàirt dhen mhaoineachadh a dhìth orra fhathast.
Thuirt Mgr Mac a' Phì ge-tà gun tèid beachdachadh san Ògmhìos mu £1.5m de thaic Eòrpach agus gum bi an t-airgead gu lèir aca ma gheibh iad sin.
Bha e ag ràdh bheil iad an dòchas gum bi an obair air fad deiseil san Iuchar 2014.