Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Toulouse

Tha aithrisean air nach eil dearbhadh oifigeil fhathast air tighinn às an Fhraing gu bheil poilis an sin air duine a mharbhadh ann an Toulouse. Chaidh losgadh gunna agus sprèadhaidhean a chluinntinn aig taigh far an robh duine a tha fo amharas gun do mharbh e seachdnar - triùir chloinne Iubhach agus tidsear nam measg. Bha an duine, Mohammed Merah, a' cumail a-mach gun robh ceanglaichean aige ri al Qaeda.

Buidseat

Chuir an Seansalair, Seòras Osborne, dìon air a phlanaichean crìoch a chur air an t-suim-airgid aig an tòisich peinseanairean a' pàigheadh Cìs Teachd-a-steach. Tha buidhnean a tha a' riochdachadh seann daoine a' gearain air sin, agus cuideachd gun sguir earrann na h-aoise den fhaochadh sin uile gu lèir do dhuine a ruigeas 65 bliadhna de dh'aois bhon Ghiblean an ath-bhliadhna. Thuirt Mgr Osborne nach bi peinseanairean dad nas miosa dheth na tha iad an-dràsta.

GlaxoSmithKlyne

Tha a' chompanaidh mhòr GlaxoSmithKlyne a tha a' dèanamh dhrogaichean agus chùngaidhean-lèighis, a' cur còrr is £0.5bn an sàs ann an ionadan ùra ann an Alba agus ann an Sasainn. Thig mu £100m dheth sin a dh'Alba, agus tha e coltach gum bi mu 100 cosnadh ùr aig dà làraich ann am Montròs agus Irbhinn. Thuirt a' chompanaidh gun do dh'atharraich iad am beachd air leasachadh san Rìoghachd Aonaichte an dèidh brosnachaidh ann am buidseat an là an-dè.

SSE

Tha Scottish and Southern Energy a' cur 50 cosnadh ùr air dòigh aig na h-oifisean aca ann an Inbhir Nis. Thuirt a' chompanaidh gun cuidich sin iad gu ruige tuilleadh de chumhachd ath-nuadhachail a leasachadh, agus gum bi iad a' feuchainn ri feadhainn a tha a' fàgail na sgoile agus ionadan foghlaim eile fhastadh dhan ghnìomhachas.

Aiseag Mhalaig

Tha an iomairt airson seirbheis aiseig eadar Malaig 's Loch Baghasdail a' dol gu Pàrlamid an-diugh far an d'fhuair am Ball Làrach Rhoda Ghrannd deasbad air a' chùis. Tha feadhainn bhon bhuidhinn Missing Link a' togail fianais cuideachd taobh a-muigh na Pàrlamaid, agus iad ag iarraidh air an Riaghaltas seirbheis eadar Malaig agus Loch Baghasdail a chur dhan ath-sgrùdadh air na seirbheisean aiseig.