Connadh Heileacoptair air a ghoid sna Hearadh

Heileacoptair Image copyright Other

Tha na Poilis sna h-Eileanan Siar a' rannsachadh às dèidh mar a chaidh còrr is 1,500 liotair de chonnadh heileacoptair a ghoid ann an ceann a tuath na Hearadh.

Bha an connadh luach £1,600.

B' ann leis a' chompanaidh PDG Helicopters a bha an connadh Kerosene, agus iad anns na h-Eileanan air cùmhnant shònraichte.

Bha a' chompanaidh a' toirt phìoban uisge suas chun nam beanntan os cionn baile Mhàraig.

Thug a' chompanaidh bathair DR MacLeod ochd drumaichean de chonnadh dha na Hearadh Dihaoine 9mh am Màirt.

Cha deach obair air adhart air an deireadh sheachdain sin mar a bha dùil, ri linn droch shìde.

Chaidh an luchd-obrach chun na làraich madainn Dimàirt, far an d'fhuair iad na drumaichean falamh.

Fhuair a' chompanaidh connadh à àite eile, agus rinn iad an obair a bha romhpa.

Seach gun deach na drumaichean fhàgail far an robh iad agus an connadh fhèin a ghoid - rud nach eil àbhaisteach - thathas an dùil gun deach uidheamachd shònraichte air choireigin a chleachdadh.

Tha a' chompanaidh a-nis air a dhol chun nam Poileas mun ghnothach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile