Connadh saor sna h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh

Tha companaidh connaidh a' tairgse peatroil is diesel saor a reic aig aon stèisean anns na h-Eileanan Siar.
'S e stèisean connaidh Bharabhais an aon stèisean ris a bheil Highland Fuels a' cumail connaidh anns na h-Eileanan.
Bhiodh cùmhnantan an cois na prìse saoire, ach gheibheadh co-dhiù cuid cothrom air connadh a cheannach 10sg nas saoire na a' phrìs a tha sgrìobhte air a' phumpa.
Tha muinntir nan Eilean air a bhith a' gearain o chionn fhada air cho àrd 's a tha prìs a' chonnaidh.
Tha Highland Fuels ag ràdh gu bheil iad airson farpais chruaidh a bhrosnachadh an aghaidh na companaidh eile, Scottish Fuels, a tha a' reic connaidh sna h-Eileanan.
Tha iad air a bhith a' toirt seachad bhileagan fiosrachaidh do dh'fheadhainn a bhios a' ceannach connaidh dhachaigh, no connadh airson tractair bhuapa, agus ag innse dhaibh gum faigh iad air connadh a cheannach do charbadan eile air prìs nas saoire na an àbhaist.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad am beachd an leithid de rud a dhèanamh anns gach sgìre sa bheil iad a' reic chonnaidh anns na h-Eileanan agus ann am Meadhan Alba, is iad a' feuchainn ris a' mhargaidh aca a leudachadh.
Tha Scottish Fuels ag ràdh nach eil gnothach acasan ri a bhith ag innse dè a' phrìs a thèid air connadh aig na pumpaichean, ach gum bi iadsan dìreach a' reic connaidh ris na stèiseanan connaidh fhèin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 Am Màrt 2012
- Air fhoillseachadh22 Am Màrt 2012