Dàil eile air cùis na Pàirce

Soidhne na Pàirce
Image caption Thòisich oidhirp na coimhearsnachd o chionn deich bliadhna

Chaidh dàil turas eile air oidhirp na coimhearsnachd oighreachd na Pàirce ann an Leòdhas a cheannach.

Dh'aontaich luchd-lagha Riaghaltas na h-Alba agus an t-uachdaran Barry Lomas gum bu chòir dàil trì mìosan a chur anns a' chùis-lagha aig Cùirt an t-Seisein.

Tha Mgr Lomas a' cur an aghaidh oidhirp na buidhne coimhearsnachd Urras na Pàirce air am fearann a cheannach fo Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn.

Tha esan ag ràdh gu bheil an Achd a' dol an aghaidh a chòirichean daonna.

Thathas a' tuigsinn gur e duilgheadasan le obair-rianachd na Cùirte a dh'adhbharaich an dàil, agus nach b'e gun tàinig càil susbainteach ùr an-àirde.

Chaidh Urras na Pàirce a stèidheachadh an toiseach bho chionn deich bliadhna, agus iad ag amas air an oighreachd a cheannach.

Ged a dheadh na aghaidh aig Cùirt an t-Seisein, tha Mgr Lomas air leigeil fhaicinn gun lean e air adhart le cùis-lagha eile ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh.

Bhiodh e a' cur às leth an Urrais an sin nach do lean iad na riaghailtean ceart mar a bha iad air an cur sìos anns an Achd.

Tha e ag ràdh nach deach am baileat cho-dhùin gun dèanadh an t-Urras oidhirp air an oighreachd a cheannach, a chumail ann an dòigh chothromaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile