"Misneachd" mun bhàta-slaodaidh
- Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun d'fhuair iad misneachd à briathran a' Phrìomhaire, Dàibhidh Camshron, mu sheirbheis bàta-slaodaidh dhan Chuan Sgìth.
Thuirt Mgr Camhshron ann an Taigh nan Cumantan, is e a' freagairt ceist bho Bhall Earra-Ghàidheal Ailean Reid, gu bheil an Riaghaltas a' coimhead ris a' chùis an-dràsda, agus gun sgrìobh e gu Mgr Reid mu dhèidhinn.
Chaidh soitheach air na creagan far Uibhist an t-seachdain seo às dèidh dhan bhàta-slaodaidh falbh.
Thàinig cùmhnant eadar-amail gu ceann, agus dh'fhalbh am bàta air an deireadh sheachdain.
Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil e ro chosgail an t-seirbheis a mhaoineachadh, ach canaidh luchd-iomairt gum biodh e fada na bu chosgaile dèiligeadh ri tubaist a dh'adhbhraicheadh truailleadh mòr.
Thuirt luchd-iomairt gun robh an tubaist leis an Flinterspirit oidhche Luain a' dearbhadh gu bheil am bàta-slaodaidh deatamach.
Chaidh bàta-slaodaidh a ghairm às na h-Eileanan mu Thuath, ach cha robh feum oirre, leis gun deach an soitheach Dùitseach, anns an robh luchd de dh'fhiodh is stàilinn, a thogail leis an làn.
Thuirt maoir-chladaich Steòrnabhaigh nach robh coltas ann gun do chaill i connadh.
Na bu tràithe an t-seachdain seo, thuirt Ministear Oifis na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gun robh e a' gabhail ris gum feum an Cuan Sgìth seirbheis èiginn de sheòrsa air choireigin.
"Tha e soilleir gu bheil feum air an t-seirbheis seo. Chan eil roghainn ciallach eile ann ach an t-seirbheis seo a thoirt seachad," thuirt Mgr Mundell.