Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tòraidhean na h-Alba

Dh'aidich am Prìomh Mhinistear, Dàibhidh Camshron, aig co-labhairt earraich nan Tòraidhean san t-Sròin ann an Siorrachd Adhair, gur e glè bheag de thaic a th' aig a' phàrtaidh an Alba, agus gum feum iad a bhith nas tarraingiche do luchd-bhòtaidh. Rinn e moladh cuideachd air ceannard ùr nan Tòraidhean an Alba, Ruth Davidson, agus thuirt e gun dèan iad an dìcheall an t-Aonadh a ghlèidheadh.

Prìs na Dibhe

Bidh Dàibhidh Camshron ag innse feasgar an-diugh mu phlana airson casg air deoch-làidir aig prìsean ìosal ann an Sasainn 's anns a' Chuimrigh. Tha an Riaghaltas airson bun-phrìs, mu 40sg gach aonad a chur air deoch-làidir mar dhòigh air dèiligeadh ri trioblaidean dibhe. Tha gnìomhachas na dibhe ag ràdh ge-tà, nach dèan na planaichean sin dad de dh'fheum do dh'fheadhainn aig a bheil trioblaid le deoch.

Màiri Coulter

Tha poilis fhathast a' rannsachadh ionnsaigh air seann bhoireannach à Wishaw ann an Siorrachd Lannraig. Chaidh gàirdeannan Màiri Coulter, a tha 76 bliadhna de dh'aois, a bhristeadh agus chaidh a droch leòn mun cheann. 'S ise màthair agus seanmhair do dhithis a fhuaireas neo-chiontach airson muirt an Àisianaich Surjit Singh Chhokar ann an 1998. Thuirt poilis nach b'e mèirle a bh' air cùl na h-ionnsaigh.

Drogaichean

Rinn poilis grèim air luach £60,000 de dhrogaichean - heroine agus cainib - an dèidh rèad ann am Fachabar ann am Moireibh, agus faisg air an Aghaidh Mhòir. Chaidh Poilis Roinn a' Mhonaidh gu pàirce charabhan ann am Fachabar, agus chuir Poilis a' Chinn a Tuath stad air càr air rathad an A9 faisg air an Aghaidh Mhòir feasgar an-dè. Thèid triùir dhaoine òga à Liverpool mu choinneimh na cùirte Diluain.

Connadh Eileanach

Tha Highland Fuels ag ràdh gun reic iad connadh nas saoire aig an aon stèisean a th' aca ann an Leòdhas, ann am Barabhas. Tha a' chompanaidh ag ràdh gum biodh connadh dachaigh agus diesel dearg 10sg an liotair nas saoire an sin na bhitheas e an àite eile ann an Leòdhas, agus gu bheil iad a' feuchainn ri farpais a bhrosnachadh le Scottish Fuels.

Togail Fianais mun RET

Bidh iomairt air sràidean Steòrnabhaigh a-màireach airson faraidhean aiseig RET a ghlèidheadh air bathair. Tha Buidheann Chòmhdhail Innse Gall ag iarraidh air na 's urrainn pàirt a ghabhail ann gus an dèan iad soilleir do Riaghaltas na h-Alba, tha iad ag ràdh, nach gabh iad ri faraidhean nas àirde.