Biadh air a ghoid ann am Port Rìgh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh biadh luach faisg air £2,000 a dhìth ann am Port Rìgh, is mèirlich air briseadh a-steach do thogalach aig stòr a' Cho-op sa bhaile.

Chuir iad dheth an dealan a bha a' ruith uidheamachd a bha a' reothadh a' bhidhe, agus chaidh am biadh fhàgail gun fheum.

Thachair seo mu 01:30m Là na Sàbaid.

Tha na poilis ag iarraidh cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh