Ceudan a' cur taic ri luchd-bathair nan Eilean Siar

Làraidh a' tighinn far bàt-aiseig
Image caption Thèid faraidhean coimearsalta an-àirde 50% an t-seachdain seo

Nochd còrr air 80 carbad coimearsalta agus na ceudan de dhaoine air sràidean Steòrnabhaigh Disathairne a thoirt taic do luchd-bathair 's iad ag iarraidh RET a ghlèidheadh do charbadan coimearsalta air na h-aiseagan.

Rinn daoine bho air feadh nan Eilean Siar an slighe gu Steòrnabhagh airson na caismeachd.

Fo phlanaichean Riaghaltas na h-Alba thèid an RET a thoirt far an luchd-bathair, le sgeama eile a' dol na àite.

Ach tha luchd-iomairt ag ràdh gun toireadh leithid de rud fìor dhroch bhuaidh air eaconamaidh nan Eilean Siar, le companaidhean a' falbh ri linn cho àrd 's a bhiodh cosgaisean giùlainn bathair.

Àrdachaidhean

Bidh faraidhean do làraidhean air na h-aiseagan a' dol suas 50% an t-seachdain seo, le àrdachaidhean eile air fàire sna bliadhnaichean a tha ri thighinn.

Cha robh riochdairean Pàrlamaideach nan Eilean Siar an làthair aig a' chaismeachd, le cuid gan càineadh air a sgàth.

Ach thuirt BPA na sgìre, Alasdair Allan, gu bheil esan a' tuigsinn mar a tha daoine a' faireachdainn mu phlanaichean an Riaghaltais Albannaich.

Thuirt e gu bheil còmhraidhean a' leantainn mun ghnothach.

"San t-seachdain a chaidh seachad tha mise air a bhith ann am Barraigh aon trup, agus ann an Leòdhas dà thrup, agus ann an Dùn Èideann dà thrup leis an obair agam," thuirt e.

"Cha robh mi aig a' chaismeachd, ach chuir mi teachdaireachd chun nan daoine a bha ga ruith, agus tha mi an dòchas gun robh e air a leughadh a-mach.

"Tha mi a' tuigsinn carson a tha daoine mì-thoilichte mu dheidhinn na prìsean a bhith a' dol suas, agus thuirt mi ris na daoine a bha a' ruith na caismeachd gu bheil mi toilichte na cuspairean sin a thogail le Rùnaire na Còmhdhail," thuirt e.

Thuirt fear a tha an luib na buidhne-iomairt, Alasdair Moireasdan, gun robh na bh' ann de dhaoine a' togail fianais na dhearbhadh air cho làidir 's a tha faireachdainnean sa choimhearsnachd mu dheidhinn a' ghnothaich.

"Air a' cheann thall feumaidh luchd-poileataigs a bhith ag èisteachd agus a bhith foireil air na dè tha daoine ag ràdh," thuirt e.

"Cha robh na ceudan thar cheudan de dhaoine air sràidean Steòrnabhaigh an-diugh air feasgar brèagha agus tòrr aca ri dhèanamh.

"Ach thàinig iad a-mach, thàinig na teaghlaichean aca a-mach, agus thog iad fianais an aghaidh an rud a tha an Riaghaltas a' dol a dhèanamh oirnne mar choimhearsnachd," thuirt e.