Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Peter Cruddas

Tha am Prìomhaire Dàibhidh Camshron a' diùltadh innse cò fhuair aoigheachd aig a' flat aige fhèin aig Sràid Downing agus àimhreit ann mu thaic-airgid dhan Phàrtaidh Tòraidheach. Gheall am Prìomhaire gum bi rannsachadh ceart ann an dèidh do Pheter Cruddas a bha os cionn togail-airgid dhaibh a dhreuchd fhàgail. Chaidh esan a chlàradh gun fhiosta dha a' tabhainn choinneamhan ris a' Phrìomhaire do dhuine a chuireadh taic-airgid ris a' phàrtaidh.

Afganastan

Thuirt NATO ann an Afganastan gu bheil fear ann an èideadh airm Afganach air dithis de shaighdearan NATO a mharbhadh aig gearasdan ann an sgìre Helmand. Chaidh an duine sin e fhèin a mharbhadh nuair a losg feachdan NATO air ais air. Cha deach innse fhathast dè an dùthaich dham buinneadh an dithis shaighdear.

Clàr-ola

Thuirt Roinn Cumhachd an Riaghaltais nach eil fianais sam bith ann gu bheil ola ag aodion à clàr anns a' Chuan a Tuath mu 150 mìle an ear air Obar Dheathain. Chaidh an luchd-obrach gu lèir a thoirt far Chlàr Eilginn, leis gun robh gas ag aodion. Thuirt Total, a' chompanaidh dham buin an clàr, gu bheil smachd aca air an t-suidheachadh.

RET

Thuirt an fheadhainn a tha ag iomairt an aghaidh àrdachaidh air faraidhean bathair dha na h-Eileanan gu bheil na thog fianais ann an Steòrnabhagh Disathairne a' dearbhadh cho mòr 's a tha muinntir nan Eilean an aghaidh àrdachaidh a leth uidhir a-rithist air na chosgas e làraidhean bathair a chur air na bàtaichean-aiseig. Thàinig daoine bho air feadh nan Eilean Siar, agus bha còrr is 80 làraidh is càr air na sràidean a bharrachd air na ceudan a' coiseachd.

Losgadair Sgudail Inbhir Ghòrdain

Bidh coinneamh ann a-màireach mu na planaichean airson losgadair sgudail ann an Inbhir Ghòrdain nuair a bhruidhinneas Neach-aithris Riaghaltas na h-Alba ris an luchd-leasachaidh Highland Combined Power and Heat, agus a' bhuidhinn iCARE a tha a' cur an aghaidh na sgeama. Chuir Comhairle na Gàidhealtachd an aghaidh na sgeama, a chosgadh £43m. Ach chuir Riaghaltas na h-Alba às an uair sin dhan cho-dhùnadh sin. On uair sin dh'iarr Cùirt an t-Seisein air an Riaghaltas sùil eile a thoirt air a' chùis.

Tubaist-rathaid ann an Steòrnabhagh

Tha na Poilis ann an Steòrnabhagh a' rannsachadh tubaist-rathaid air iomall a' bhaile mu 08:00m an-diugh. Chaidh dithis a thoirt dhan ospadal, 's bha an rathad eadar Crois-rathaid Shìophoirt, stèisean peatroil Engebret's dùinte airson ùine den mhadainn.