Gàidhlig nan Gallach na bu làidire na bha dùil
- Air fhoillseachadh

Tha rannsachadh ùr a' cumail a-mach gun robh a' Ghàidhlig na cànan dùthchasach ann an cuid mhath de Ghallaibh, 's gun do mhair i suas don chiad leth den 20mh Linn.
Tha daoine a tha a' cur an aghaidh poileasaidh Chomhairle na Gàidhealtachd air soidhnichean-rathaid dà-chànanach, gu tric air argamaid a chur air adhart gur ann Lochlannach, seach Gàidhealach, a tha dìleab cultarail na siorrachd, 's nach robh a' Ghàidhlig a-riamh ga bruidhinn innte.
Fiù 's nuair a thathas a' gabhail ris gun robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn ann an Gallaibh, thathas a' dèanamh dheth gur ann o chionn cheudan de bhliadhnaichean a bha sin.
Ach tha obair a chaidh a dhèanamh air figearan bho na cunntasan-sluaigh a' sealltainn nach eil sin fìor, agus Gàidheil dùthchasach gan clàradh san sgìre ann an àireamhan an ìre mhath mòr a-steach dhan 20mh Linn.
Oilthigh Hamburg
Chaidh an obair a dhèanamh leis an rannsaichear Ghearmailteach Kurt Duwe, stèidhichte aig Oilthigh Hamburg, agus chaidh fhoillseachadh air an làrach-lìn Linguae-Celticae.
Tha an cunntas-sluaigh bho 1911 a' sealltainn gun robh 1,985 duine ann an Gallaibh a bhruidhneadh Gàidhlig - 6.2% de shluagh na siorrachd.
Bha an cànan a' crìonadh ge-tà, a lean gu bàs a' chànain san sgìre nas fhaide den 20mh Linn.
Ann an cunntas-sluaigh na bliadhna 1881, bha 3,422, no 8.8% ann a bhruidhneadh a' Ghàidhlig, a-mach às an 38,868 duine a bha a' fuireach san sgìre air fad.
Ach tha mar a tha Kurt Duwe air na figearan a bhriseadh sìos a rèir paraistean na siorrachd a' toirt fhigearan nas mionaidiche dhuinn.
Tha e a' sealltainn gun robh a' Ghàidhlig aig suas ri 20% de shluagh cuid de pharaistean san 20mh Linn.
Bho na figearan, faodar loidhne a tharraing eadar Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa, agus a ràdh le misneachd nach robh an cànan ga bruidhinn gu ìre mhòir sam bith an ear air an loidhne sin.
Bha an cànan fhathast an ìre mhath làidir ge-tà, sna paraistean mun iar, leithid Ràth, Latharna agus Hàcraig. Tha figearan a' chunntais-shluaigh a' sealltainn gun robh a' Ghàidhlig aig 18.8% de shluagh Ràth agus Latharna ann an 1911, dìreach trì bliadhna mus do thòisich an Cogadh Mòr.
Ann an Latharna, bha 850 duine nas sine na trì bliadhna de dh'aois, a bhruidhneadh Gàidhlig, a-mach à 4,520 sa pharaiste air fad. Bha 173 Gàidheal ann an Ràth san aon bhliadhna, a-mach à 920 duine. A-mach às an 2,158 duine ann am paraiste Hàcraig, bha 177 - 8.2% - a bhruidhneadh Gàidhlig. Fiù 's ann am paraiste Inbhir Theòrsa, bha 216 Gàidheal (5.4%).
Inbhir Ùige
30 bliadhna na bu tràithe, bha an cànan fiù 's na bu treasa. Anns a' chiad chunntas-sluaigh a thomhais luchd-bruidhinn na Gàidhlig ann an 1881, bha an cànan aig 8.8% de na Gallaich.
Ann an Latharna, bha sin a' fàgail 1,914 duine (28.7%). Bha 477 Gàidheal ann an Ràth (39.8%), agus 253 ann an Hàcraig (9.4%). Fiù 's ann am paraiste Bhatain, a th' ann am meadhan na siorrachd, bha 167 duine (11.9%) a bhruidhinneadh Gàidhlig ann an 1881 - ged a bha sin air crìonadh gu 4% ann an 1911.
Tha rannsachadh Duwe a' sealltainn gur iad Gallaich dhùthchasach a bh' anns a' chuid mhòir mhòir dhiubh sin - 's nach b'iad fògaraich bho Fhuadaichean Chataibh.
Tha fiosrachadh bho chunntas-sluaigh 1891 a dh'fhoillsich Duwe roimhe, ag ràdh "speakers enumerated in Caithness were overwhelmingly born and raised in the county." A-mach à 2,079 luchd-bruidhinn na Gàidhlig ann an Latharna aig an àm sin, b'e Gallaich dhùthchasach a bh' ann an 1,813 (87.2%) dhiubh.
Tha na figearan a' cur taic ri sgrìobhainnean nas sine, a tha ag ràdh gun robh làmh an uachdair aig a' Ghàidhlig ann am pàirtean farsainn de Ghallaibh san 18mh Linn.
Ann an 1707, dh'innis clèir san sgìre ann an aithisg do Chomataidh an Àrd-sheanaidh airson Leabharlainnean Gàidhealach gun robh "seven parishes in Caithness, where the Irish [i.e. Gaelic] language is used, viz. Thurso, Halkirg, Rhae, Lathrone, Ffar, Week, Duirness. But the people of Week understand English also."