Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Cuan a Tuath

Chaidh sgìrean den mhuir a dhùnadh mun cuairt air Clàr Eilginn anns a' Chuan a Tuath far a bheil gas fhathast ag aodion. Thuirt na Maoir-Chladaich gun deach òrdachadh do luingeas cumail còrr is dà mhìle air falbh, agus tha casg trì mìle air itealain. Thuirt a' chompanaidh-ola Total gu bheil iad a' beachdachadh an-dràsta air dè an dòigh as fheàrr air dèiligeadh ris an t-suidheachadh. Tha a' chompanaidh Shell a' toirt tuilleadh den luchd-obrach far nan clàran-ola acasan faisg air làimh.

Prìs Stampaichean

Tha dragh ann gun èirich prìs stampa aig a' chiad ìre gu mòr leis gu bheil cead aig a' Phost Rìoghail a-niste a' phrìs sin a stèidheachadh. Tha stampa aig a' chiad ìre an-dràsta aig 46sg. Ach tha na riaghladair Ofcom a' cur crìche suas dhan bhliadhna 2019 aig 55sg air prìs stampa aig an dàrna h-ìre, a tha an-dràsta 36sg.

Dominique Strauss-Kahn

Thòisich rannsachadh oifigeil anns an Fhraing mu chasaidean gun robh ceanglaichean aig Dominique Strauss-Kahn, a bha na cheannard air an IMF, ri buidhinn a bha a' fastadh shiùrsach. Chaidh cur às do chasaidean san Lùnastal an-uiridh gun tug Mgr Strauss-Kahn ionnsaigh dhrabasta air searbhanta ann an taigh-òsta ann an New York.

Drogaichean

Tha àireamhan ùra ag ràdh gu bheil nas lugha dhaoine a' cleachdadh dhrogaichean mì-laghail ann an Alba. Tha an àireamh sìos gu 6.6% den t-sluagh gu lèir an-uiridh, bho 7.2% a' bhòn-uiridh. 'S e canaib fhathast an droga as cumanta, agus tha a dhà uidhir de dh'fhireannaich seach boireannaich ag aideachadh gu bheil iad a' cleachdadh dhrogaichean. Dhiùlt Comhairle na Gàidhealtachd cead dhan sgeama an toiseach, ach chuir Riaghaltas na h-Alba às dhan cho-dhùnadh sin. On uair sin ge-tà, dh'iarr Cùirt an t-Seisein air an Riaghaltas sùil eile a thoirt air a' chùis.

Crìonadh Chladaichean

Tha eòlaichean bho air feadh an t-saoghail gu bhith ann an Uibhist an-diugh agus a-màireach 's iad a' bruidhinn mu na cladaichean a dhìon bho chrìonadh. Tha a' bhuidheann charthannais Oxfam cuideachd ann an Uibhist an t-seachdain seo ag obair air cladaichean Dhalabroig.

Tha coinneamhan ann an-diugh mu na planaichean airson losgadair sgudail ann an Inbhir Ghòrdain. Tha Riaghaltas na h-Alba a' bruidhinn ris an luchd-leasachaidh Highland Combined Power and Heat agus a' bhuidheann iCARE a tha a' cur an aghaidh na sgeama.