£4.23bn de dh'uisge-beatha ga reic ri dùthchannan eile

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhThachair an leudachadh sia bliadhna nas tràithe na bha dùil

Chaidh luach £4.23bn de dh'uisge-beatha às Alba gu dùthchannan eile an-uiridh, suas 23%.

'S e sin an ìre as àirde riamh dhan ghnìomhachas.

'S ann sna Staitean Aonaichte fhathast a tha a' mhargaidh as motha, agus bha sin suas an treas cuid.

Tha an Fhraing fhathast na margaidh chudromaich, agus tha margaidhean Singapore agus Sìona a' fàs.

Leudachadh

Chuir gnìomhachas a' bhìdh agus an deoch ann an Alba romhpa ann an 2007 gun leudaicheadh iad gu £5bn taobh a-staigh deich bliadhna na tha Alba a' cur gu dùthchannan eile.

Thachair sin sia bliadhna nas tràithe na bha dùil ge-tà.

A thaobh a' bhìdhe dheth, chunnacas àrdachadh 9% air a' bhliadhna, gu £1.16bn - an àireamh as àirde riamh - le iasg agus maorach a' dèanamh suas 56% dheth sin.

'S e meas agus glasraich an roinn as motha a dh'fhàs, agus e air leudachadh 62.4% ann an ceithir bliadhna gu £62m.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh