'S i a' Ghàidhealtachd as blàithe an Alba

  • Air fhoillseachadh
Là grianach
Fo-thiotal an deilbh,
Tha clàran teothachd air am briseadh air feadh na h-Alba

'S ann air Ghàidhealtachd a chaidh an teothachd as àirde an Alba airson mìos a' Mhàirt a thomhais.

Bhathas ag ràdh Diluain gur ann an Ath Buinne ann an Siorrachd Obar Dheathain a chaidh an teothachd as àirde a ruighinn, 's i aig 22.9C.

Ach chaidh 23.2C a chlàradh ann an Crombail ann an Srath Spè, ged nach deach an stèisean aimsir a leughadh gu madainn Dimàirt.

Thuige seo, 's e 22.2C an teothachd as àirde a chaidh a chlàradh sa Mhàirt ann an Alba, 's e air a chlàradh aig Caisteal nan Gòrdannach ann am Moireibh, agus a-rithist aig Srathan ann an Siorrachd Chathair Chaladain ann an 1965.

Bidh an teothachd mheadhanach sa Mhàirt mu 10C mar as trice.