Cala Steòrnabhaigh ga ghlanadh
- Air fhoillseachadh
Thòisich obair gus grunnd Chala Steòrnabhaigh a ghlanadh.
Bheir an obair cothrom do dh'Ùghdarras a' Phuirt barrachd àite a thoirt do bhàtaichean-siùil a bhios a' tadhail air na h-Eileanan.
Tha an obair na toiseach tòiseachaidh air leasachadh a thathas an dòchas a bheir barrachd chosnaidhean don phort.
tha i mar phàirt de dh'ullachadh airson 50 pontùn a chur anns a' chala airson iachtaichean.
Iachtaichean
Leis an t-iasgach a' crìonadh, tha an cala ag amas air luchd-cleachdaidh ùr a thàladh.
"Feumaidh sinn seo a dhèanamh a h-uile deich bliadhna no mar sin," thuirt Maighstir a' Chala, an Caiptean Torcuil MacLeòid.
"Tha tòrr gainneamhaich is puill a tha ag àrdachadh a' ghrunnd anns a' chala, agus feumaidh sinn mar sin an dreidsear a thoirt a-steach airson am poll a thoirt a-mach.
"A h-uile bliadhna tha sinn a' faicinn tòrr bhàtaichean-siùil a' tighinn suas an taobh seo a-nis.
"Tòrr a bharrachd na bha againn. Agus mar a tha an t-iasgach air a dhol air ais uiread, tha sinn a-nis a' faicinn gum feum sinn rudeigin eile a chur an àite sin.
"Tha sinn a' lorg a-mach gur e bàtaichean-siùil an taobh a dh'fheumas sinn a dhol.
"Tha sinn am beachd gum bi an obair seo a' dol air adhart airson ceithir seachdainnean co-dhiù, 's dòcha suas ri sia seachdainnean," thuirt e.