Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 Am Màrt 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clàr-ola

Thuirt a' chompanaidh ola Total nach eil cunnart ann aig an ìre seo bho lasair a tha fhathast a' losgadh air clàr sa Chuan a Tuath far a bheil gas ag aodion. Tha Total ag ràdh nach eil an sgoth de ghas a th' ann a' tighinn faisg idir air an lasair aig Clàr Eilginn mu 150 mìle an ear air Obar Dheathain.

Stailc

Bidh am Prìomhaire Dàibhidh Camshron os cionn Comataidh Èiginn an Riaghaltais, COBRA, feasgar an-diugh 's iad a' deasbad plana ma 's e agus gun tèid dràibhearan tancairean connaidh air adhart le stailc. Thug a' bhuidheann rèiteachaidh ACAS fiachadh dha na h-aonaidhean 's dha na companaidhean ola gu còmhraidhean agus eas-aonta air a bhith ann mu shlàinte agus sàbhailteachd.

Eaconamaidh Bhreatainn

Bha crìonadh nas motha na bha dùil ann an eaconamaidh Bhreatainn anns na trì mìosan mu dheireadh an-uiridh. Tha Oifis na Stataistig Nàiseanta air figearan nan trì mìosan eadar an Dàmhair agus an Dùbhlachd atharrachadh gu 0.3%.

Siria

Thuirt ceannard chòraichean daonna aig an UN gu bheil na h-ùghdarrasan ann an Siria a dh'aona-gnothach a' dèanamh targaid de chloinn. Dh'iarr Navi Pillay air a' cheann-suidhe Assad clann a tha an grèim a shaoradh, agus ise ag ràdh gu bheil droch dhìol ga dhèanamh orra. Dh'iarr i cuideachd air Comhairle Thèarainnteachd an UN Siria a thoirt gu Cùirt Eadar-nàiseanta na h-Eucoire.

Fukushima

Thuirt ceannardan Ionad Niuclasach Fukushima ann an Iapan, air an do bhuail an tsunami an-uiridh, gu bheil fada a bharrachd na bha dùil de mhilleadh air fear de na gineadairean air an làraich, agus nach eil uidhir 's a bha dùil de dh'uisge ann airson a chumail fuar. Tha tomhais ann a-niste gu bheil rèidiachd a tha dèich tursan na h-ìre mairbhtich, ag aodion às an ionad.

Tha dùil ri sgiobair bàta-bathair a chaidh air na creagan far Uibhist a Tuath an t-seachdain seo chaidh sa chùirt ann an Steòrnabhagh an-diugh. Tha trì chasaidean an aghaidh a' Chaiptein Konstantin Golubev. Chaidh an soitheach air na creagan beagan agus là an dèidh do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte bàta-slaodaidh nam Maor-cladaich a thoirt air falbh.